Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 14:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 A‑nis dh'innis e cosamhlachd dhaibhsan a fhuair cuireadh, nuair a thug e fa‑near mar a thagh iad na h‑àiteachan urramach aig a' bhòrd, ag ràdh riutha,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Agus labhair e cosamhlachd riùsan a fhuair cuireadh, nuair a thug e fa‑near mar a thagh iad na ciad àiteachan-suidhe, ag ràdh riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Agus labhair e cosamhlachd riùsan a fhuair cuireadh, nuair a thug e fa‑near mar a thagh iad na ciad àiteachan‐suidhe, ag ràdh riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Agus labhair e dubh-fhacal riusan cuideachd a fhuair cuireadh, ʼs e gabhail beachd mar thagh iad na ciad aiteachan-suidhe, a g-radh riu:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 14:7
12 Iomraidhean Croise  

Thuirt Ìosa na rudan seo uile ris an t‑sluagh ann an cosamhlachdan; agus às aonais cosamhlachd cha do bhruidhinn e riutha.


Is gràdh leotha an t‑àite urramach aig na cuirmean agus na prìomh chathraichean sna sionagogan,


“Is mairg dhuibhse, Pharasacha, a chionn 's gur gràdh leibh na prìomh shuidheachain sna sionagogan agus a bhith a' faighinn fàilte sna h‑ionadan‑margaidh.


“Bithibh air ur faiceall o na sgrìobhaichean, leis an toigh l' a bhith a' coiseachd mun cuairt ann an culaidhean fada agus leis am miann fàilte fhaighinn anns na margaidhean, agus na prìomh chathraichean fhaighinn anns na sionagogan, agus na h‑àiteachan urramach fhaighinn aig na cuirmean,


Na dèanaibh sìon à fèinealachd no pròis fhalamh, ach ann an irioslachd‑inntinn measaibh càch‑a‑chèile mar nas fheàrr na sib' fhèin.


Sgrìobh mi rudeigin chun na h‑eaglaise, ach cha do ghabh Diotrephes, leis am miann a bhith na cheannard orra, rinne.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan