Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 14:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Agus thachair, nuair a bha Ìosa a' dol chun an taighe aig aon de riaghladairean nam Pharasach air an t‑Sàbaid a dh'ithe arain, gun robh iad a' dèanamh geur‑fhaire air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thàrladh, an tràth a chaidh e gu taigh uachdarain àraidh de na Pharasaich a dh’ithe bìdh air là na sàbaid, gu robh iad a’ dèanamh geur-fhaire air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus thàrladh, an tràth a chaidh e gu taigh uachdarain àraidh de na Pharasaich a dh’ithe bìdh air là na sàbaid, gu robh iad a’ dèanamh geur‐fhaire air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Agus thachair, nuair a chaidh Iosa stigh do thigh h-aon de na priomh-Phairisich a dhʼiche arain air latha na sàbaid, gun robh geur fhaire aca air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 14:1
19 Iomraidhean Croise  

Nach mòr nas luachmhoire, ma‑thà, a tha duine na caora! Mar sin tha e laghail math a dhèanamh air an t‑Sàbaid.”


Agus rinn iad faire air airson faicinn an leighiseadh e air an t‑Sàbaid e, airson 's gum b' urrainn dhaibh cùis‑dhìtidh a thoirt na aghaidh.


Nuair a bha Ìosa air bruidhinn, dh'iarr Pharasach airsan dìnnear a ghabhail còmhla ris; mar sin chaidh e a‑steach agus shuidh e aig a' bhòrd.


Agus seall, bha duine a bha a' fulang leis a' mheud‑bhronn mu choinneamh.


Às dèidh dha na Pharasaich faighneachd dha cuin a thigeadh rìoghachd Dhè, fhreagair e iad ag ràdh, “Chan eil rìoghachd Dhè a' tighinn le comharraidhean a tha follaiseach.


Chùm iad sùil gheur air; chuir iad a‑mach faireadairean, a' leigeil orra gun robh iad fìrinneach, airson 's gun glacadh iad na chainnt e, gus an toireadh iad thairis e do chumhachd agus ùghdarras an riaghladair.


Rinn na sgrìobhaichean agus na Pharasaich faire air, airson faicinn an leighiseadh e air an t‑Sàbaid, gus am faigheadh iad adhbhar airson casaid a chur na aghaidh.


A‑nis bha duine dhe na Pharasaich ann, air an robh an t‑ainm Nicodèmus, a bha na riaghladair aig na h‑Iùdhaich.


Ach dh'èirich Pharasach àraidh dham b' ainm Gamaliel sa Chomhairle, fear‑teagaisg an lagha, aig an robh urram an t‑sluaigh gu lèir, agus thug e òrduighean na daoine a chur a‑mach airson ùine bhig.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan