Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 13:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 Agus thuirt e ris a' ghàrradair, ‘Seall, o chionn trì bliadhna a‑nis tha mi air tighinn a shireadh toraidh air a' chraoibh‑fhìge seo, agus cha d' fhuair mi sìon. Geàrr sìos i! Carson a chaitheadh i mathas na talmhainn?’

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 An sin thubhairt e ris a’ ghàrradair, Feuch, tha mi rè trì bliadhna a’ teachd a dh’iarraidh toraidh air a’ chrann-fhìge seo, agus chan eil mi a’ faotainn a’ bheag: geàrr sìos e, carson a tha e a’ fàsachadh na talmhainn?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 An sin thubhairt e ris a’ ghàrradair, Feuch, tha mi rè trì bliadhna a’ teachd a dh’iarraidh toraidh air a’ chrann‐fhìge seo, agus chan eil mi a’ faotainn a’ bheag: geàrr sìos e, carson a tha e a’ fàsachadh na talmhainn?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Us thuirt e ri gairneilear an fhionlios: Seall, tha mi nis air tighinn fad thri bliadhna a shireadh meas air a chraoibh-fhige so, ʼs cha n-eil mi ga fhaighinn: uime sin gearr sios i; ciod uige bhuilichte talamh oirre?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 13:7
11 Iomraidhean Croise  

Gach craobh nach toir a‑mach toradh math, thèid a gearradh sìos agus thèid a tilgeil dhan teine.


“Ach fhreagair esan e, ‘A thighearna, leig leatha airson na bliadhna seo cuideachd, gus an cladhaich mi timcheall oirre agus gun cuir mi innear oirre.


Ach mu thràth tha an tuagh air a cur ri bun nan craobh; mar sin, gach craobh nach toir a‑mach toradh math, thèid a gearradh sìos, agus a tilgeil dhan teine.”


Bheir e air falbh a h‑uile geug annamsa nach eil a' giùlain toraidh, agus gach uile gheug a tha a' giùlain toraidh, gearraidh e air ais i, airson 's gun giùlain i barrachd toraidh.


Mura fan neach annamsa, tha e air a thilgeil a‑mach mar ghèig agus a' crìonadh; agus tha iad gan cruinneachadh, gan tilgeil dhan teine agus gan losgadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan