Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 13:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Agus dh'innis e a' chosamhlachd seo: “Bha craobh‑fhìge aig duine air a cur na ghàrradh‑fìona, agus thàinig e a' sireadh toraidh oirre, agus cha d' fhuair e sìon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Labhair e mar an ceudna an cosamhlachd seo: Bha aig duine àraidh crann-fìge suidhichte na ghàrradh-fìona: agus thàinig e ag iarraidh toraidh air, agus cha d’fhuair e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Labhair e mar an ceudna an cosamhlachd seo: Bha aig duine àraidh crann‐fìge suidhichte na ghàrradh‐fìona: agus thàinig e ag iarraidh toraidh air, agus cha d’fhuair e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Agus labhair e cuideachd an dubhfhacal so: Bha craobh-fhige aig duine àraidh air a suidheachadh ʼna fhionlios, us thainig e a shireadh meas oirre, agus cha dʼfhuair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 13:6
14 Iomraidhean Croise  

Cha robh, tha mi ag ràdh ribh! Ach mura dèan sibh aithreachas thèid sibhse uile a sgrios cuideachd.”


Ach mu thràth tha an tuagh air a cur ri bun nan craobh; mar sin, gach craobh nach toir a‑mach toradh math, thèid a gearradh sìos, agus a tilgeil dhan teine.”


Chan e sibhse a thagh mise, ach is mise a thagh sibhse agus dh'òrdaich mi sibh airson 's gun deigheadh sibh agus gun toireadh sibh a‑mach toradh, agus gum maireadh ur toradh, airson 's ge b' e rud a dh'iarras sibh on Athair nam ainm‑sa, gun toir e dhuibh e.


Ach is e toradh an Spioraid: gràdh, aoibhneas, sìth, foighidinn, coibhneas, mathas, creideamh,


Chan e gu bheil mi ag iarraidh tiodhlaic, ach tha mi ag iarraidh an toraidh a dh'fhàsas pailt nur cunntas‑se.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan