Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 12:57 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

57 “Agus carson nach toir sibh breith air ur son fhèin a thaobh dè a tha ceart?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

57 Agus carson nach eil sibh eadhon uaibh fhèin a’ breithneachadh an nì sin a tha ceart?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

57 Agus carson nach eil sibh eadhon uaibh fhèin a’ breithneachadh an nì sin a tha ceart?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

57 Agus car-son nach eil sibh cuideachd a breithneachadh bhuaibh fhein an ni a tha ceart?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 12:57
10 Iomraidhean Croise  

Ach fhreagair Ìosa iad, “Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh, ma bhios creideamh agaibh agus nach bi sibh fo amharas‑cridhe, chan e a‑mhàin gun dèan sibh na chaidh a dhèanamh air a' chraobh‑fhìge, ach fiù 's ma chanas sibh ris a' bheinn seo, ‘Bidh air do thogail agus air do thilgeil dhan mhuir,’ tachraidh e.


Oir thàinig Eòin thugaibh air slighe na fìreantachd agus cha do chreid sibh e, ach chreid na cìs‑mhaoir agus na siùrsaichean e. Agus fiù 's às dèidh dhuibh fhaicinn, cha do rinn sibh aithreachas, airson 's gun creideadh sibh e.


Nuair a bhios iad air an duilleach a chur a‑mach, chì sibh air ur son fhèin agus tha fios agaibh gu bheil an samhradh mu thràth faisg air làimh.


Na bithibh a' toirt breith a rèir coltais, ach thoiribh breith cheart.”


Agus le mòran bhriathran eile thug e fianais agus chùm e air gan earalachadh, ag ràdh, “Sàbhailibh sib' fhèin on ghinealach choirbte seo.”


Breithnichibh dhuib' fhèin: a bheil e ceart do bhoireannach ùrnaigh a dhèanamh ri Dia gun chòmhdach air a ceann?


Nach eil fiù 's nàdar fhèin a' teagasg dhuibh, ma bhios falt fada air fear, gu bheil e na nàire dha,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan