Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 12:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 “Tha mi ag ràdh ribhse, mo chàirdean, na biodh eagal oirbh on fheadhainn sin a mharbhas an corp, agus às dèidh sin aig nach eil an còrr aca a nì iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Agus tha mi ag ràdh ribhse, mo chàirdean, Na biodh eagal oirbh ron mhuinntir sin a mharbhas an corp, agus na dhèidh sin aig nach eil nì tuilleadh a dh’fhaodas iad a dhèanamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Agus tha mi ag ràdh ribhse, mo chàirdean, Na biodh eagal oirbh ron mhuinntir sin a mharbhas an corp, agus na dhèidh sin aig nach eil nì tuilleadh a dh’fhaodas iad a dhèanamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Agus tha mi g-radh ribhse, mo chairdean: Na gabhaibh eagal romh ʼn fheadhainn a mharbhas a choluinn, ʼs aig nach eil ni tuilleadh an deigh sin a ni iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 12:4
20 Iomraidhean Croise  

Agus na biodh eagal oirbh on fheadhainn a mharbhas an corp ach nach urrainn an t‑anam a mharbhadh. An àite sin, biodh eagal oirbh on Aon as urrainn an dà chuid an corp 's an t‑anam a sgrios ann an Ifrinn.


Gràdh nas motha na seo chan eil aig neach sam bith, gun leig duine a bheatha sìos airson a charaidean.


Ach chan eil mi a' cunntadh mo bheatha mar luachmhor no prìseil dhomh fhèin, ma thèid agam a‑mhàin air mo thuras agus a' mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Ìosa a chrìochnachadh, a' toirt fianais shòlaimte mu shoisgeul gràs Dhè.


A‑nis nuair a chunnaic iad dànadas Pheadair is Eòin, agus a thuig iad gum b' e daoine gun fhoghlam agus cumanta a bh' annta, ghabh iad iongnadh. Agus dh'aithnich iad gun robh iadsan air a bhith còmhla ri Ìosa.


gun a bhith fo eagal o ur nàimhdean – a rud a tha na chomharra dhaibhsan air sgrios, ach dhuibhse air sàbhaladh, agus sin o Dhia.


agus bha an Sgriobtar air a choileanadh, “Chreid Abrahàm Dia, agus bha sin air a mheas dha mar fhìreantachd,” agus chaidh caraid Dhè a ghabhail air.


Ach eadhon ma dh'fhuilingeas sibh air sgàth fìreantachd, tha sibh beannaichte. “Ach na biodh eagal oirbh on chùis‑eagail acasan 's na bithibh air ur buaireadh.”


Na biodh eagal idir ort o na tha thu dol a dh'fhulang. Seall! Tha Sàtan gus cuid agaibh a thilgeil dhan phrìosan gus an tèid ur dearbhadh, agus bidh trioblaid agaibh airson deich latha. Bi dìleas gu bàs, agus bheir mi crùn na beatha dhut.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan