Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 12:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Aig a' cheart àm, nuair a bha sluagh de mhìltean air cruinneachadh ann an dòigh 's gun robh iad a' stampadh air a chèile, thòisich Ìosa air a ràdh ri a dheisciobail fhèin, “Thoiribh an aire oirbh fhèin o thaois nam Pharasach, is e sin breug‑chràbhachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Anns an àm sin, nuair a bha sluagh gun àireamh air cruinneachadh, ionnas gu robh iad a’ saltairt air a chèile, thòisich e air a ràdh ra dheisciobail fhèin, Ro gach nì bithibh air ur faicill o thaois ghoirt nam Pharasach, eadhon cealgaireachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Anns an àm sin, nuair a bha sluagh gun àireamh air cruinneachadh, ionnas gu robh iad a’ saltairt air a chèile, thòisich e air a ràdh ra dheisciobail fhèin, Ro gach nì bithibh air ur faicill o thaois ghoirt nam Pharasach, eadhon cealgaireachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Agus air do dhʼanabharr sluaigh a bhith mun cuairt da, air dhoigh ʼs gun robh iad a saltairt air a cheile, thòisich e air radh ri dheisciopuil: Thugaibh an aire dhuibh fhein bho thaois-ghoirt nam Phairiseach, se sin cealgaireachd:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 12:1
18 Iomraidhean Croise  

“Is mairg dhuibhse, oir tha sibh mar uaighean nach eil air an comharrachadh, agus tha daoine a' coiseachd thairis orra gun fhiosta.”


A bhreug‑chràbhaichean! Is aithne dhuibh ciamar a dh'eadar‑mhìnicheas sibh dreach na talmhainn is nan speur; ach ciamar nach eil sibh ag eadar‑mhìneachadh an ama seo fhèin?


Ach thachair, nuair a bha an sluagh a' teannadh dlùth ris airson facal Dhè a chluinntinn, gun do sheas e ri taobh loch Ghenesaret,


Ach bu mhotha a sgaoileadh an t‑iomradh ma dheidhinn‑san, agus chruinnich sluagh mòr airson èisteachd ris agus airson a bhith air an slànachadh leis om bochdainnean.


Agus thàinig e a‑nuas leotha agus sheas e air àite còmhnard. Bha sluagh mòr dhe na deisciobail aige an sin agus buidheann mhòr de dhaoine o Iudèa uile agus Ierusalem agus o cheàrnaidh‑fairge Thìruis agus Shìdoin,


Agus nuair a chuala iad e, thug iad glòir do Dhia. Agus thuirt iad ris, “Tha thu a' faicinn, a bhràthair, cia mheud mìle a th' ann am measg nan Iùdhach dhiubhsan a th' air creidsinn, agus tha iad uile eudmhor airson an lagha,


Oir thug mi dhuibh mar phrìomh rud an nì a fhuair mise cuideachd: gun d' fhuair Crìosd bàs airson ar peacaidhean a rèir nan Sgriobtar,


Ach tha sibh air tighinn gu Beinn Shioin agus gu baile an Dè bheò, an t‑Ierusalem nèamhaidh, agus mìltean de dh'ainglean a' dèanamh gàirdeachais,


Ach tha an gliocas a tha o shuas sa chiad dhol‑a‑mach fìorghlan, an uair sin sìtheil, caomh, furasta a chomhairleachadh, làn tròcaire is deagh thoraidhean, saor o chlaon‑bhreith 's o cheilg,


Mar sin cuiribh air falbh gach mì‑rùn is gach foill is cealgaireachdan is farmadan is a h‑uile cùl‑chàineadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan