Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 11:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 “Agus tha mise ag ràdh ribh: iarraibh agus thèid a thoirt dhuibh; siribh agus gheibh sibh; buailibh an doras agus thèid fhosgladh dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Agus tha mise ag ràdh ribh, Iarraibh, agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh; buailibh an doras, agus fosglar dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Agus tha mise ag ràdh ribh, Iarraibh, agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh; buailibh an doras, agus fosglar dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Agus tha mise g-radh ribh: Iarraibh, agus bheirear dhuibh; siribh, agus gheobh sibh; buailibh, agus fosglar dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 11:9
40 Iomraidhean Croise  

Agus ge b' e dè na rudan a dh'iarras sibh ann an ùrnaigh, ma chreideas sibh, gheibh sibh iad.”


“Cò dhen dithis a rinn toil athar?” Thuirt iadsan, “A' chiad fhear.” Thuirt Ìosa riutha, “Gu fìrinneach, tha mise ag ràdh ribh, tha na cìs‑mhaoir agus na siùrsaichean a' dol a‑steach do rìoghachd Dhè romhaibhse.


ach tha mise ag ràdh ribh nach robh fiù 's Solamh, na ghlòir gu lèir, air èideadh mar aon dhiubh seo.


Mar sin tha mi ag ràdh ribh, ge b' e dè na rudan a dh'iarras sibh ann an ùrnaigh, creidibh gum faigh sibh iad, agus thèid a dhèanamh dhuibh.


Agus na rudan a tha mi ag ràdh ribhse, tha mi ag ràdh ri na h‑uile: ‘Dèanaibh faire!’”


Oir a h‑uile neach a dh'iarras, thèid a thoirt dha; agus an neach a shireas, gheibh e; agus dhan neach a bhuaileas, bidh e air fhosgladh.


Agus ge b' e rud a dh'iarras sibh nam ainm‑sa, nì mise sin, airson 's gum bi an t‑Athair air a ghlòrachadh anns a' Mhac.


Chan e sibhse a thagh mise, ach is mise a thagh sibhse agus dh'òrdaich mi sibh airson 's gun deigheadh sibh agus gun toireadh sibh a‑mach toradh, agus gum maireadh ur toradh, airson 's ge b' e rud a dh'iarras sibh on Athair nam ainm‑sa, gun toir e dhuibh e.


Ma dh'fhanas sibhse annamsa, agus ma dh'fhanas m' fhaclan‑sa annaibhse, iarraibh ge b' e dè a thogras sibh, agus bidh e air a dhèanamh dhuibh.


Fhreagair Ìosa i, “Nam b' aithne dhut tiodhlac Dhè agus cò e a tha ag ràdh riut, ‘Thoir dhomh deoch,’ bhiodh tu air iarraidh airsan agus bhiodh e air uisge beò a thoirt dhut.”


dhaibhsan a tha le leanaltas ann an obair mhath a' sireadh glòir is urram is neo‑bhàsmhorachd, bheir e a bheatha shìorraidh;


Oir tha e ag ràdh: “Ann an àm fàbharach dh'èist mi riut agus ann an latha an t‑sàbhalaidh chuidich mi thu.” Seallaibh, is e seo, a‑nis, an t‑àm fàbharach, is e seo, a‑nis, latha an t‑sàbhalaidh.


Gun chreideamh, tha e do‑dhèanta a thoileachadh; oir feumaidh an neach a thig thuige creidsinn gu bheil e ann, agus gun toir e duais dhaibhsan a shireas e gu dìcheallach.


Bu chòir dhuinn tighinn ma‑thà le dànachd gu rìgh‑chathair nan gràs, airson 's gun tèid tròcair a thoirt dhuinn agus gum faigh sinn gràs airson cuideachaidh tràthail.


Ach ma tha dìth gliocais air neach sam bith agaibh, iarradh e air Dia e – esan a tha a' toirt gu fialaidh dhan a h‑uile neach gun dìmeas a dhèanamh – agus thèid a thoirt dha.


agus slànaichidh ùrnaigh a' chreideimh am fear a tha tinn, agus togaidh an Tighearna suas e. Agus ma rinn e peacaidhean, thèid am mathadh dha.


agus rud sam bith a dh'iarras sinn uaithe‑san tha sinn a' faighinn, oir tha sinn a' cumail àithntean agus a' dèanamh na thoilicheas esan.


Ach ribhse tha mi ag ràdh, agus ris a chòrr a th' ann an Tiatìra, na h‑uiread 's aig nach eil an teagasg seo, aig nach robh fios air rudan domhainn Shàtain, mar a tha iad ag ràdh. Chan eil mi a' cur uallach eile oirbhse,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan