Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 11:54 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

54 a' dèanamh innleachd airson a ghlacadh ann an rudeigin a dh'fhaodadh e a ràdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

54 A’ dèanamh feall-aire air, agus ag iarraidh nì‑eigin a ghlacadh as a bheul, a‑chum gum biodh cùis-dhìtidh aca na aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

54 A’ dèanamh feall‐aire air, agus ag iarraidh nì‑eigin a ghlacadh as a bheul, a‑chum gum biodh cùis‐dhìtidh aca na aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

54 A caitheamh foille air, ʼsa sireadh rudeigin a ghlacadh bho bhial, gus agairt ʼna aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 11:54
12 Iomraidhean Croise  

An uair sin dh'fhalbh na Pharasaich agus ghabh iad comhairle còmhla a thaobh ciamar a dh'fhaodadh iad esan a ghlacadh na chainnt.


Ach, mothachail air am mì‑rùn, thuirt Ìosa, “Carson a tha sibh gam bhuaireadh, a chealgairean?


Agus chuir aon dhiubh, fear‑lagha, ceist air airson a dhearbhadh:


An uair sin chuir iad cuid dhe na Pharasaich is dhe na Heròdianaich thuige airson 's gun glacadh iad na chainnt e.


Agus rinn iad faire air airson faicinn an leighiseadh e air an t‑Sàbaid e, airson 's gum b' urrainn dhaibh cùis‑dhìtidh a thoirt na aghaidh.


Fhad 's a bha e a' fàgail an àite sin, thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air ionnsaigh fhiadhaich a thoirt air agus air a phiobrachadh le ceistean mu mhòran rudan,


Chùm iad sùil gheur air; chuir iad a‑mach faireadairean, a' leigeil orra gun robh iad fìrinneach, airson 's gun glacadh iad na chainnt e, gus an toireadh iad thairis e do chumhachd agus ùghdarras an riaghladair.


Cha b' urrainn dhaibh a ghlacadh tro na briathran aige mu choinneamh an t‑sluaigh. Ach, a' gabhail iongnadh mun fhreagairt aige, dh'fhàs iad sàmhach.


Ach na bi air do chur fo ìmpidh leotha, oir tha barrachd air ceathrad dhe na fir aca a' dèanamh feall‑fheitheimh air a tha air iad fhèin a cheangal tro bhòid nach ith is nach òl iad gus am marbh iad e. Agus a‑nis tha iad deiseil, a' feitheamh air do chead‑sa.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan