Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 11:41 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

41 Ach thugaibh mar dhèirce na rudan sin a tha air an taobh a‑staigh agus seall, bidh a h‑uile rud glan dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

41 Ach thugaibh uaibh dèirc de na nithean a tha agaibh: agus, feuch, tha na h‑uile nithean glan dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

41 Ach thugaibh uaibh dèirc de na nithean a tha agaibh: agus, feuch, tha na h‑uile nithean glan dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

41 Ach se deireadh na cuise, thugaibh deirc seachad: agus, seall, tha h-uile ni glan dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 11:41
37 Iomraidhean Croise  

Oir tha na bochdan an‑còmhnaidh agaibh còmhla ribh. Ach cha bhi mise an‑còmhnaidh agaibh.


Thoir dhan neach a dh'iarras ort agus na tionndaidh air falbh on neach a tha ag iarraidh iasad ort.


air sgàth 's gu bheil e a' dol a‑steach, chan ann dhan chridhe ach dhan stamaig aige, agus air a chur a‑mach dhan t‑sitig (mar sin chuir e an cèill gun robh a h‑uile biadh “glan”).


Reicibh ur seilbh agus thugaibh dèirc. Dèanaibh dhuib' fhèin sporain nach fàs sean, le ionmhas nach teirig anns na nèamhan, far nach tig mèirleach faisg agus nach sgrios an leòmann.


Tha mise ag ràdh ribh, dèanaibh caraidean dhuib' fhèin le beairteas na h‑eucoir, airson 's, nuair a theirigeas e, gun tèid fàilte a chur oirbh a dh'àiteachan‑fuirich sìorraidh.


Nuair a chuala Ìosa seo, thuirt e ris, “Tha aon rud fhathast a dhìth ort. Reic a h‑uile rud a th' agad agus dèan roinn air am measg nam bochdan agus bidh ionmhas agad ann an nèamh, agus trobhad 's lean mise.”


Ach sheas Sachèus agus thuirt e ris an Tighearna, “Seall, a Thighearna, tha mi a' toirt leth dhem chuid dha na bochdan. Agus ma thug mi sìon o neach sam bith tro chasaid‑brèige, bheir mi dha a cheithir uiread.”


Agus thàinig an guth thuige a‑rithist an dara uair, “An rud a rinn Dia glan, na gabh thusa truaillte air.”


Mar sin chuir na deisciobail romhpa, gach aon a rèir a chomais, gun cuireadh iad cuideachadh gu na bràithrean a bha a' fuireach ann an Iudèa.


“A‑nis às dèidh iomadh bliadhna thàinig mi airson dèirce is tabhartasan a thoirt dham nàisean.


Oir ma tha an deisealachd ann, tha e airidh air gabhail ris a rèir na th' aig neach, chan ann a rèir na tha a dhìth air.


Esan a tha a' goid, na goideadh e tuilleadh, ach an àite sin dèanadh e saothair, ag obrachadh an rud a tha math le a làmhan, airson 's gum bi rud aige ri bhuileachadh air an neach air a bheil dìth.


Dhaibhsan a tha glan, tha a h‑uile sìon glan, ach dhaibhsan a th' air an truailleadh agus nach eil a' creidsinn, chan eil rud sam bith glan, ach tha an inntinn agus an cogais air an truailleadh.


Na dìochuimhnichibh math agus co‑roinn a dhèanamh, oir tha Dia fìor thoilichte le ìobairtean mar seo.


Oir chan eil Dia cho neo‑fhìreanta 's gun dìochuimhnicheadh e ur saothair agus an gràdh a sheall sibh dha ainm, mar a rinn sibh frithealadh agus mar a tha sibh fhathast a' frithealadh dha na naoimh.


'S e seo cràbhadh fìorghlan is neo‑thruaillidh an làthair Dhè an t‑Athair: a bhith a' tadhal air dilleachdain 's air banntraichean nan trioblaid, agus neach a chumail gun smal on t‑saoghal.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan