Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 11:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 agus math dhuinn ar peacaidhean, oir tha sinne cuideachd a' mathadh dha gach neach a th' ann am fiachan rinne. Agus na leig ann am buaireadh sinn.’”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Agus maith dhuinn ar peacaidhean: oir tha sinne fhèin a’ maitheadh do gach aon air a bheil fiachan againn. Agus na leig ann am buaireadh sinn, ach saor sinn on olc.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Agus maith dhuinn ar peacaidhean: oir tha sinne fhèin a’ maitheadh do gach aon air a bheil fiachan againn. Agus na leig ann am buaireadh sinn, ach saor sinn on olc.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Agus math dhuinn ar peacannan, chionn tha sinne a mathadh do luchd ar fiach uile. Agus na leig ann am buaireadh sinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 11:4
31 Iomraidhean Croise  

“Agus mar sin cuideachd nì m' Athair nèamhaidh ri gach aon agaibhse, mura math sibh ur bràthair o ur cridheachan.”


Dèanaibh faire agus ùrnaigh airson 's nach tuit sibh ann am buaireadh. Tha an spiorad gu deimhinn deònach, ach tha an fheòil lag.”


Agus thuirt e riutha, “Cò agaibhse aig a bheil caraid, is a thèid thuige aig meadhan‑oidhche, agus a chanas ris, ‘A charaid, thoir dhomh trì lofaichean air iasad,


No na h‑ochd duine deug air an do thuit an tùr ann an Silòam agus a mharbhadh iad – a bheil sibh a' saoilsinn gun robh iadsan na bu chiontaiche na a h‑uile neach a bha a' fuireach ann an Ierusalem?


Agus thuirt e riutha, “Carson a tha sibh nur cadal? Èiribh, agus dèanaibh ùrnaigh, airson 's nach tuit sibh ann am buaireadh.”


Agus is iadsan a tha air a' chreig an fheadhainn, nuair a dh'èisteas iad ris an fhacal, a ghabhas thuca e le gàirdeachas, ach chan eil freumh aca seo. Creididh iad airson greis agus ann an àm buairidh tuitidh iad air falbh.


Chan eil mi ag iarraidh gun toir thu às an t‑saoghal iad, ach gun cùm thu iad on aon a tha olc.


Chan eil buaireadh sam bith air breith oirbh nach eil cumanta dhan duine. Tha Dia dìleas, agus cha leig e leibh a bhith air ur buaireadh thar ur comais, ach leis a' bhuaireadh bheir e cuideachd slighe airson teicheadh, airson 's gum faod sibh a bhith an comas fhulang.


a' giùlain le chèile agus a' mathadh dha chèile, ma tha cùis‑ghearain aig neach an aghaidh neach; mar a thug Crìosd mathanas dhuibhse, mar sin bu chòir dhuibhse dèanamh cuideachd.


Ach tha an Tighearna dìleas, a stèidhicheas sibh agus a ghleidheas sibh o fhear‑an‑uilc.


Saoraidh an Tighearna mi on a h‑uile h‑obair olc agus sàbhalaidh e mi airson a rìoghachd nèamhaidh. Dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.


Oir bidh breitheanas gun tròcair dhàsan nach do rinn tròcair; agus buadhaichidh tròcair thairis air breitheanas.


Na biodh eagal idir ort o na tha thu dol a dh'fhulang. Seall! Tha Sàtan gus cuid agaibh a thilgeil dhan phrìosan gus an tèid ur dearbhadh, agus bidh trioblaid agaibh airson deich latha. Bi dìleas gu bàs, agus bheir mi crùn na beatha dhut.


Oir ghlèidh thu facal mo leanaltais, agus gleidhidh mise thusa o uair na deuchainn a tha gus a thighinn air an t‑saoghal gu lèir airson an fheadhainn a tha a' còmhnaidh air an talamh a dhearbhadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan