Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 11:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 A‑nis bha Ìosa ag ùrnaigh ann an àite sònraichte, agus nuair a sguir e, thuirt aon dhe a dheisciobail ris, “A Thighearna, teagaisg dhuinne ùrnaigh a dhèanamh mar a theagaisg Eòin dha a dheisciobail fhèin.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thàrladh air dha a bhith ann an ionad àraidh ri ùrnaigh, nuair a sguir e, gun dubhairt neach àraidh de a dheisciobail ris, A Thighearna, teagaisg dhuinne ùrnaigh a dhèanamh, mar a theagaisg Eòin da dheisciobail fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus thàrladh air dha a bhith ann an ionad àraidh ri ùrnaigh, nuair a sguir e, gun dubhairt neach àraidh de a dheisciobail ris, A Thighearna, teagaisg dhuinne ùrnaigh a dhèanamh, mar a theagaisg Eòin da dheisciobail fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Us thachair nuair bha e ri urnaigh an aite araid, an deigh sgur dhi, gun tuirt fear dhe dheisciopuil ris: A Thighearna, ionnsuich dhuinn a dhianamh urnaigh, mar a dhʼionnsuich Eoin dha dheisciopuil-sa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 11:1
14 Iomraidhean Croise  

ach tha aon rud feumail. Tha Màiri air a' chuid mhath a thaghadh, agus cha bhi i air a toirt air falbh uaipe.”


Thuirt e riutha, “Nuair a nì sibh ùrnaigh, canaibh: ‘Athair, Gun naomhaichear d' ainm, Thigeadh do rìoghachd.


Anns na làithean sin chaidh esan a‑mach chun na beinne a dhèanamh ùrnaigh, agus chuir e seachad fad na h‑oidhche ann an ùrnaigh ri Dia.


Nuair a chunnaic an Tighearna i, ghabh e truas rithe, agus thuirt e rithe, “Na bi a' caoineadh.”


agus chuir e iad gu Ìosa airson faighneachd, “An tusa esan a bha ri thighinn, no an sùilich sinn neach eile?”


Thachair, nuair a bha e ag ùrnaigh air leth 's a dheisciobail còmhla ris, gun do dh'fhaighnich e dhaibh, “Cò a tha an sluagh ag ràdh a th' annam?”


Mu ochd latha às dèidh nam faclan seo, thug e leis Peadar is Eòin is Seumas suas a' bheinn a dhèanamh ùrnaigh.


Fad nan làithean a bha e san fheòil, às dèidh dha ùrnaighean is ìmpidhean a thairgsinn suas, le caoineadh cruaidh is deòir, ris‑san a b' urrainn a shàbhaladh on bhàs, chaidh èisteachd ris na ùmhlachd.


Ach sibhse, a mhuinntir ghràdhaichte, gur togail fhèin suas sa chreideamh as naomha, ag ùrnaigh san Spiorad Naomh,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan