Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 10:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 “Ge b' e baile dhan tèid sibh a‑steach is gun gabh iad ribh, ithibh na th' air a chur mur coinneamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus ge bè baile don tèid sibh a‑steach, agus anns an gabh iad ribh, ithibh na nithean sin a chuireas iad nur làthair:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus ge bè baile don tèid sibh a‑steach, agus anns an gabh iad ribh, ithibh na nithean sin a chuireas iad nur làthair:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Agus baile air bith san teid sibh a stigh, agus anns an gabh iad ribh, ichibh na chuirear air ur bialaobh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 10:8
6 Iomraidhean Croise  

“Ge b' e cò a ghabhas ribhse, gabhaidh e riumsa, agus ge b' e a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an Aon a chuir a‑mach mi.


Ach ge b' e baile dhan tèid sibh a‑steach is nach gabh iad ribh, thallaibh a‑mach air a shràidean ag ràdh,


An uair sin thuirt e riutha, “Ge b' e a ghabhas ris an leanabh seo nam ainm‑sa, tha e a' gabhail riumsa; agus ge b' e a ghabhas riumsa, tha e a' gabhail ris an Aon a chuir a‑mach mi. Oir an neach as lugha a bhios nur measg‑se uile, bidh esan mòr.”


Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e cò a ghabhas ri neach sam bith a chuireas mise a‑mach, tha e a' gabhail riumsa, agus ge b' e cò a ghabhas riumsa, tha e a' gabhail ris an aon a chuir a‑mach mi.”


Ma bheir aon dhe na h‑ana‑creidmhich cuireadh gu dinneir dhuibh agus gu bheil sibh ag iarraidh a dhol ann, ithibh ge b' e dè a th' air a chur mur coinneamh gun a bhith a' togail cheist air sgàth cogais.


San aon dòigh, dh'àithn an Tighearna gum bu chòir dhaibhsan a tha a' cur an cèill an soisgeul am bith‑beò fhaighinn on t‑soisgeul.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan