Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 10:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 Fanaibh san taigh sin, ag ithe 's ag òl nan rudan a thèid a thoirt dhuibh, oir is airidh am fear‑obrach air a thuarastal. Na bithibh a' falbh o thaigh gu taigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Agus fanaibh anns an taigh sin, ag ithe agus ag òl nan nithean a bheirear dhuibh: oir is airidh am fear-obrach air a thuarasdal. Na rachaibh o thaigh gu taigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Agus fanaibh anns an taigh sin, ag ithe agus ag òl nan nithean a bheirear dhuibh: oir is airidh am fear‐obrach air a thuarasdal. Na rachaibh o thaigh gu taigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Agus fanaibh san tigh sin, a g-iche ʼsa g-ol leithid ʼsa thʼaca: oir is fhiach an cosnach a thuarasdal. Na falbhaibh bho thigh gu tigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 10:7
18 Iomraidhean Croise  

Agus thuirt e riutha, “Ge b' e cuin a thèid sibh a‑steach do thaigh, fanaibh an sin gus am falbh sibh às an àite sin.


Agus ma bhios mac sìthe an sin, nì ur sìth tàmh air. Ach mura bi, tillidh ur sìth air ais thugaibh.


Agus ge b' e dè an taigh dhan tèid sibh a‑steach, fanaibh an sin, agus às a sin falbhaibh.


Agus às dèidh dhi a bhith air a baisteadh, agus a teaghlach cuideachd, chuir i ìmpidh oirnn, ag ràdh, “Ma tha sibh air mo mheas dìleas dhan Tighearna, thigibh a‑steach dham thaigh is fuirichibh.” Agus thug i oirnn.


An uair sin thug e a‑steach dhan taigh aige iad, agus chuir e biadh mun coinneamh. Agus a' creidsinn ann an Dia, rinn e gàirdeachas còmhla ri theaghlach gu lèir.


Mar sin chaidh iad a‑mach às a' phrìosan agus chaidh iad a‑steach do thaigh Lidia. Agus nuair a bha iad air na bràithrean fhaicinn, mhisnich iad iadsan agus dh'fhalbh iad.


Agus dèanadh gach neach a th' air a theagasg san fhacal, co‑roinn leis an neach a tha ga theagasg, sa h‑uile rud math.


Agus aig an aon àm tha iad ag ionnsachadh a bhith leisg, a' siubhal nan taighean, agus chan ann a‑mhàin leisg, ach cuideachd nan gobairean 's a' gabhail gnothaich ri rudan nach buin dhaibh, a' bruidhinn air rudan nach bu chòir dhaibh.


'S e an tuathanach a tha a' saothrachadh a bu chòir compàirteachadh san toradh an toiseach.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan