Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 10:41 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

41 Ach fhreagair an Tighearna i, “A Mharta, a Mharta, tha thusa iomagaineach agus draghail mu mhòran rudan,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

41 Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e rithe, A Mharta, a Mharta, tha thusa làn cùraim agus dragha mu thimcheall mòran nithean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

41 Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e rithe, A Mharta, a Mharta, tha thusa làn cùraim agus dragha mu thimcheall mòran nithean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

41 Agus fhreagair an Tighearna, us thuirt e rithe: A Mharta, a Mharta, tha thu lan iomaguin agus bruaidlein mu mhoran nichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 10:41
13 Iomraidhean Croise  

ach tha cùraman an t‑saoghail agus mealltaireachd beairteis agus na miannan airson rudan eile a' tighinn a‑steach is a' tachdadh an fhacail, agus tha e fàs neo-thorrach.


Fhad 's a lean iad orra air an t‑slighe aca, chaidh Ìosa a‑steach do bhaile, far an do chuir boireannach dham b' ainm Marta fàilte air a‑steach dha taigh fhèin.


Ach bha aire Mharta air a tarraing air falbh le mòran frithealaidh. Thàinig i thuige agus thuirt i, “A Thighearna, nach eil dragh idir agad gun do dh'fhàg mo phiuthar mise nam aonar a' frithealadh? Can rithe mo chuideachadh!”


Agus thuirt Ìosa ri a dheisciobail, “Mar sin, tha mise ag ràdh ribh, na bithibh fo chùram mur beatha, dè a dh'itheas sibh, no mur cuirp, dè a chuireas sibh oirbh.


“Bithibh faiceallach, air eagal 's gum bi ur cridheachan air an draghadh sìos le geòcaireachd agus le misg, agus le cùraman na beatha seo, agus gun tig an latha sin oirbh gu luath mar ribe.


Agus a thaobh an t‑sìl a thuit am measg dhroigheann, is iad sin an fheadhainn a dh'èisteas, ach fhad 's a thèid iad air an slighe, tha iad air an tachdadh le cùraman agus le beairteas agus le toileachais na beatha, agus chan eil iad a' toirt a‑mach toradh abaich.


A‑nis bha duine àraidh tinn, Làsaras, o Bhetani, baile Màiri is Marta a piuthar.


A‑nis bha gràdh aig Ìosa air Marta agus air a piuthair agus air Làsaras.


An uair sin rinn iad suipear dha an sin. Bha Marta a' frithealadh agus bha Làsaras na aon dhiubhsan a shuidh aig a' bhòrd còmhla ris.


na biodh cùram oirbh mu nì sam bith, ach sa h‑uile sìon, le ùrnaigh is guidhe, cuide ri buidheachas, biodh ur n‑iarrtasan air an dèanamh aithnichte do Dhia.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan