Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 10:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Thuirt e riutha, “Gu dearbh tha am fogharadh mòr, ach tha an luchd‑obrach gann. Guidhibh, mar sin, gun cuir Tighearna an fhogharaidh luchd‑obrach a‑mach dhan fhogharadh aige fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Air an adhbhar sin thubhairt e riu, Tha am fogharadh gu fìrinneach mòr, ach tha an luchd-obrach tearc: guidhibh uime sin air Tighearna an fhogharaidh luchd-obrach a chur a‑mach a‑chum a fhogharaidh fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Air an adhbhar sin thubhairt e riu, Tha am fogharadh gu fìrinneach mòr, ach tha an luchd‐obrach tearc: guidhibh uime sin air Tighearna an fhogharaidh luchd‐obrach a chur a‑mach a‑chum a fhogharaidh fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Us thuirt e riu: Tha ʼm faghar gu dearbh mor, ach an luchd-oibre gann. Guidhibh ma ta air Tighearna an fhaghair luchd-oibre a chur gu fhaghar fhein.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 10:2
48 Iomraidhean Croise  

“Oir tha rìoghachd nèimh coltach ri maighstir‑taighe a chaidh a‑mach tràth sa mhadainn airson luchd‑obrach fhastadh dhan fhìon‑lios aige.


Tha e coltach ri duine a' dol air turas, nuair a dh'fhàgas e a thaigh fhèin agus a bheir e ùghdarras dha sheirbheisich, is obair fhèin do gach neach, agus a bheir e àithne dhan dorsair faire a dhèanamh.


Agus thuirt e riutha, “Thallaibh air feadh an t‑saoghail gu lèir agus searmonaichibh an soisgeul dhan chruthachadh gu lèir.


Agus chaidh iadsan a‑mach is shearmonaich iad anns gach àite, agus bha an Tighearna a' co‑obrachadh leotha agus a' dearbhadh an fhacail le na comharraidhean a thàinig leis.


Ghairm Ìosa còmhla an dà fhear dheug agus thug e cumhachd is ùghdarras dhaibh thairis air a h‑uile deamhan agus airson tinneasan a leigheas,


A‑nis shiubhail iadsan a chaidh a sgapadh, air sgàth a' gheur‑leanmhainn a dh'èirich co‑cheangailte ri Steaphan, cho fada ri Phenice is Cìopras is Antioch, gun am facal a bhruidhinn ri neach sam bith ach na h‑Iùdhaich.


Agus fhad 's a bha iad ag adhradh do Dhia agus a' trasgadh, thuirt an Spiorad Naomh, “Coisrigibh dhòmhsa Saul is Barnabas chun na h‑obrach gus an do ghairm mi iad.”


Mar sin, air an cur a‑mach leis an Spiorad Naomh, chaidh iad sìos gu Seleucia agus às a sin sheòl iad gu Cìopras.


Cumaibh deagh aire oirb' fhèin 's air an treud gu lèir, anns an do rinn an Spiorad Naomh nur fir‑coimheid sibh gus eaglais Dhè a bhuachailleachd, a cheannaich e le fhuil fhèin.


“Agus thuirt e rium, ‘Thalla, oir cuiridh mise fad' air falbh thu gu na Cinnich.’”


A‑nis, iadsan a bh' air an sgapadh, chaidh iad mun cuairt a' searmonachadh an fhacail.


Agus shuidhich Dia san eaglais an toiseach abstoil, san dara h‑àite fàidhean, san treas àite luchd‑teagaisg, an uair sin mìorbhailean, an uair sin tiodhlacan leighis, luchd‑cuideachaidh, uachdaranachdan, iomadh seòrsa teanga.


Ach tro ghràs Dhè is mi an nì a th' annam, agus cha robh a ghràs dham thaobh‑sa gun buaidh; ach shaothraich mi barrachd na iad uile, a dh'aindeoin sin cha bu mhise, ach gràs Dhè a tha còmhla rium.


Agus ag obrachadh còmhla ris, tha sinne cuideachd a' dèanamh tagradh ribh gun gràs Dhè a ghabhail gu dìomhain.


Oir tha iad uile a' sireadh an gnothaichean fhèin, 's chan iad na rudan aig Ìosa Crìosd.


Ach shaoil mi gun robh e deatamach Epaphroditus – mo bhràthair 's mo cho‑obraiche 's mo cho‑shaighdear 's ur teachdaire‑se, agus an neach a fhritheil dham dhìth – a chur thugaibh.


air sgàth 's gun tàinig e faisg air a' bhàs airson obair Chrìosd, a' cur a bheatha fhèin ann an cunnart, airson 's gun dèanadh e suas na bha a dhìth nur seirbheis‑se dhòmhsa.


Airson an adhbhair seo cuideachd tha mi a' saothrachadh, a' dèanamh spàirn a rèir an obrachaidh aigesan a tha ag obrachadh annam le cumhachd.


Tha Epaphras – a tha dhib' fhèin – seirbheiseach Chrìosd, a' cur fàilte oirbh, an‑còmhnaidh a' strì gu dùrachdach na ùrnaighean air ur son, airson 's gun seas sibh coileanta is làn‑chinnteach ann an uile thoil Dhè.


Oir tha cuimhne agaibh, a bhràithrean, air ar saothair 's ar n‑obair chruaidh, ag obair a dh'oidhche 's a latha gus nach biodh sinn nar n‑uallach do dhuine agaibh, agus shearmonaich sinn dhuibh soisgeul Dhè.


A‑nis tha sinn ag iarraidh oirbh, a bhràithrean, gum biodh aithne agaibh orrasan a tha ri saothair nur measg, agus a tha gur stiùireadh san Tighearna agus gur n‑earalachadh,


Mu dheireadh, bithibh ag ùrnaigh a bhràithrean air ar son‑ne, gun dèanadh facal an Tighearna adhartas luath agus gum biodh e air a ghlòrachadh, eadhon mar a bha e agaibhse.


Oir chun na crìche seo tha sinn an dà chuid ri saothair 's a' strì, oir chuir sinne ar dòchas san Dia bheò, a tha na Shlànaighear dhan a h‑uile duine, gu sònraichte do chreidmhich.


Ach thusa, bidh sòbarra sa h‑uile sìon, a' giùlain cruaidh‑chàs, dèan obair soisgeulaiche, coilean do mhinistrealachd.


Pòl, prìosanach Chrìosd Ìosa, agus Timòteus, ar bràthair, Gu Philemon gràdhach 's ar co‑obraiche,


Ach tha Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe‑san, is sinne a thaigh ma chumas sinn gu deimhinn an dànachd 's an dòchas, cùis ar bòstaidh.


“Gu aingeal na h‑eaglaise ann an Ephesus, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan a tha a' cumail nan seachd rionnagan na làimh dheis ag ràdh, esan a tha a' coiseachd am measg nan seachd lampairean òir:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan