Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 10:18 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

18 Thuirt e riutha, “Chunnaic mi Sàtan a' tuiteam mar dhealanach o nèamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

18 Agus thubhairt e riu, Chunnaic mi Sàtan mar dhealanach a’ tuiteam o nèamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

18 Agus thubhairt e riu, Chunnaic mi Sàtan mar dhealanach a’ tuiteam o nèamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

18 Us thuirt e riu: Chunnaic mi Satan a tuiteam á flathanas mar dhealanach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 10:18
9 Iomraidhean Croise  

An uair sin thuirt Ìosa ris, “Thalla uam, a Shàtain! Oir tha e sgrìobhte, ‘Nì thu adhradh dhan Tighearna do Dhia, agus dhàsan a‑mhàin nì thu seirbheis.’”


A‑nis tha breitheanas an t‑saoghail seo ann; a‑nis bidh riaghladair an t‑saoghail seo air a thilgeil a‑mach.


a thaobh bhreitheanais, a chionn 's gu bheil riaghladair an t‑saoghail seo air a dhìteadh.


A nis, ma‑thà, a chionn 's gu bheil compàirteachadh dhe fhuil 's dhe fheòil aig a' chloinn, san aon dòigh, ghabh esan cuideachd pàirt sna h‑aon rudan, airson 's, tron bhàs, gun sgriosadh e esan aig an robh cumhachd a' bhàis – 's e sin an diabhal –


Tha an neach a tha ris a' pheacadh on diabhal, on a tha an diabhal air a bhith a' peacachadh on toiseach. B' ann air a shon seo a nochd Mac Dhè, airson 's gun cuireadh e às do dh'obraichean an diabhail.


Agus ghlac e an dràgon, an t‑seann nathair, as e an Diabhal agus Sàtan, is cheangail esan e airson mìle bliadhna.


Agus shèid an còigeamh aingeal trombaid, agus chunnaic mi rionnag a bh' air tuiteam o nèamh chun na talmhainn, agus chaidh iuchair sloc na h‑Àibheis a thoirt dha.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan