Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 10:11 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

11 ‘Fiù 's dust ur baile a leanas ri ar casan tha sinn a' suathadh dhinn nur n‑aghaidh‑se. A dh'aindeoin sin, biodh fios agaibh gu bheil rìoghachd Dhè air tighinn faisg oirbh.’

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Eadhon duslach ur baile a lean rinn, tha sinn a’ glanadh dhinn nur n‑aghaidh-se; gidheadh, biodh fhios seo agaibh gun do dhruid rìoghachd Dhè ribh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Eadhon duslach ur baile a lean rinn, tha sinn a’ glanadh dhinn nur n‑aghaidh‐se; gidheadh, biodh fhios seo agaibh gun do dhruid rìoghachd Dhè ribh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

11 Gu ruig duslach ur bail e a lean ruinn, tha sinn ga chrathadh dhinn ʼnur n-aghaidh: ach bithibhse cinnteach dhe so, gun tainig rioghachd Dhe faisg dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 10:11
16 Iomraidhean Croise  

Agus mura gabh no nach èist neach sam bith ri ur briathran, crathaibh an dust o ur casan nuair a dh'fhàgas sibh an taigh no am baile sin.


Agus fhad 's a tha sibh a' siubhal, searmonaichibh, ag ràdh, ‘Tha rìoghachd nèimh faisg air làimh.’


ag ràdh, “Dèanaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh faisg air làimh.”


Agus mura gabh àite sam bith ribh is nach èist iad ribh, nuair a dh'fhàgas sibh crathaibh an dust a tha for casan mar fhianais dhaibh.”


Ach ge b' e baile dhan tèid sibh a‑steach is nach gabh iad ribh, thallaibh a‑mach air a shràidean ag ràdh,


Leighisibh an fheadhainn a tha tinn ann, agus canaibh riutha, ‘Tha rìoghachd Dhè air tighinn faisg oirbh.’


Agus iadsan uile nach gabh ribh, nuair a dh'fhàgas sibh am baile sin, crathaibh an dust o ur casan mar fhianais nan aghaidh.”


“A bhràithrean, a chlann cinneach Abrahàim, agus iadsan nur measg air a bheil eagal Dhè, thugainne chaidh teachdaireachd na slàinte seo a chur.


Thugaibh an aire, mar sin, airson 's nach tig an rud a th' air a ràdh anns na fàidhean gu buil:


An uair sin bhruidhinn Pòl is Barnabas a‑mach gu dàn, ag ràdh, “Dh'fheumadh facal Dhè a bhith air a bhruidhinn ribhse an toiseach. Ach air sgàth 's gu bheil sibh ga dhiùltadh agus a' toirt breith nach eil sib' fhèin airidh air a' bheatha shìorraidh, seallaibh, tha sinne a' tionndadh gu na Cinnich.


Ach chrath iad dhiubh an dust on casan nan aghaidh agus chaidh iad gu Iconium.


Ach mu Israel tha e ag ràdh: “Fad an latha tha mi air mo làmhan a shìneadh a‑mach ri sluagh eas‑umhail 's a tha nam aghaidh.”


Ach dè a tha i ag ràdh? “Tha am facal faisg ort, nad bheul agus nad chridhe.” (Is e sin facal a' chreideimh a tha sinne a' cur an cèill).


Is esan deàrrsadh a ghlòir‑san agus fìor ìomhaigh a shusbaint, a' cumail suas a h‑uile sìon le facal a chumhachd, às dèidh dha peacaidhean a ghlanadh air falbh, shuidh e air deas‑làimh na mòrachd sna h‑àrdan.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan