Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:80 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

80 Agus dh'fhàs an leanabh, agus chaidh a neartachadh ann an spiorad, agus bha e anns an fhàsach gu latha an fhoillseachaidh phoblaich aige do dh'Israel.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

80 Agus dh’fhàs an leanabh, agus neartaicheadh ann an spiorad e, agus bha e anns an fhàsach gu là a fhoillseachaidh do Israel.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

80 Agus dh’fhàs an leanabh, agus neartaicheadh ann an spiorad e, agus bha e anns an fhàsach gu là a fhoillseachaidh do Israel.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

80 Agus dhʼfhas an leanabh, us neartaicheadh e san spiorad; agus bha e anns an fhasach gu latha fhoillseachaidh do Israel.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:80
11 Iomraidhean Croise  

Fhad 's a bha iadsan a' falbh, thòisich Ìosa air bruidhinn ris an t‑sluagh mu dheidhinn Eòin, ag ràdh, “Dè a chaidh sibh a‑mach dhan fhàsach a dh'fhaicinn? Cuilc air a crathadh leis a' ghaoith?


Anns na làithean sin thàinig Eòin Baistidh a' searmonachadh ann am fàsach Iudèa,


Oir bidh e mòr mu choinneamh an Tighearna, agus chan òl e fìon no deoch‑làidir idir; agus bidh e air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, fiù 's o bhroinn a mhàthar.


Dh'fhàs am pàiste is chaidh a neart am meud; bha e air a lìonadh le gliocas agus bha gràs Dhè air.


Agus thàinig Ìosa air adhart ann an gliocas is ann an inbhe is ann an fàbhar le Dia is daoine.


Cha b' aithne dhomh fhèin idir e, ach airson 's gum biodh e air fhoillseachadh do dh'Israel, thàinig mi a' baisteadh le uisge.”


oir gu cumhachdach dhearbh e gu poblach gun robh na h‑Iùdhaich ceàrr, agus sheall e leis na Sgriobtaran gur e Ìosa an Crìosd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan