Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:79 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

79 airson solas a thoirt dhaibhsan a tha nan suidhe ann an dorchadas agus ann an sgàil a' bhàis, airson ar casan a threòrachadh a‑steach do shlighe na sìthe.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

79 A thoirt solais dhaibhsan a tha nan suidhe ann an dorchadas agus ann an sgàil a’ bhàis, a threòrachadh ar cas air slighe na sìthe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

79 A thoirt solais dhaibhsan a tha nan suidhe ann an dorchadas agus ann an sgàil a’ bhàis, a threòrachadh ar cas air slighe na sìthe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

79 Gu soilleireachd a thoirt dhaibhse, a tha ʼnan suidhe ann an dorchadas ʼs an dubhar a bhàis, gu iul a dhianamh dhaʼr casan gu slighe na sithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:79
36 Iomraidhean Croise  

an sluagh a bha a' fuireach ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; agus na daoine a bha a' fuireach ann an tìr agus sgàil a' bhàis, orrasan tha solas air èirigh.”


solas taisbeanaidh dha na Cinnich, agus airson glòir dha do shluagh Israel.”


Bha an solas fìor, a tha a' soillseachadh a h‑uile neach, a' tighinn dhan t‑saoghal.


Tha mi air tighinn a‑steach dhan t‑saoghal nam sholas, airson 's, ge b' e cò a chreideas annamsa, nach fan e anns an dorchadas.


Bhruidhinn Ìosa riutha a‑rithist, ag ràdh, “Is mise solas an t‑saoghail. An neach a leanas mise, cha choisich e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige.”


Cho fad 's a tha mise anns an t‑saoghal, is mi solas an t‑saoghail.”


Chuir e am facal gu clann Israeil, a' searmonachadh deagh sgeul na sìthe tro Ìosa Crìosd, as e Tighearna nan uile.


gus an sùilean fhosgladh, airson 's gum faod iad tionndadh o dhorchadas gu solas, o chumhachd Shàtain gu Dia, airson 's gum faod iad mathanas pheacaidhean fhaighinn agus àite am measg na feadhna a th' air an naomhachadh tro chreideamh annamsa.’


agus slighe na sìthe cha b' aithne dhaibh.”


Oir roimhe bha sibh nur dorchadas, ach a‑nis tha sibh nur solas san Tighearna. Coisichibh mar chloinn an t‑solais


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan