Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:66 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

66 Agus iadsan uile a chuala iad, ghlèidh iad nan cridhe iad, ag ràdh, “Dè, ma‑thà, an seòrsa leanaibh a bhios an seo?” Oir bha làmh an Tighearna còmhla ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

66 Agus iadsan uile a chuala na nithean sin, thaisg iad nan cridhe iad, ag ràdh, Ciod a’ ghnè leinibh a bhios an seo? Agus bha làmh an Tighearna maille ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

66 Agus iadsan uile a chuala na nithean sin, thaisg iad nan cridhe iad, ag ràdh, Ciod a’ ghnè leinibh a bhios an seo? Agus bha làmh an Tighearna maille ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

66 Us iadsan uile, a chual iad, ghleidh iad ʼnan cridhe iad, a g-radh: Co, a shaoileas tu, bhios san leanabh so? oir bha lamh an Tighearna leis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:66
16 Iomraidhean Croise  

Agus dh'fhàs an leanabh, agus chaidh a neartachadh ann an spiorad, agus bha e anns an fhàsach gu latha an fhoillseachaidh phoblaich aige do dh'Israel.


Ach ghlèidh Moire na rudan sin uile, a' meòrachadh orra na cridhe.


Dh'fhàs am pàiste is chaidh a neart am meud; bha e air a lìonadh le gliocas agus bha gràs Dhè air.


Agus chaidh e sìos còmhla riutha is thàinig e gu Nàsaret agus bha e umhail dhaibh. Ach ghlèidh a mhàthair na rudan sin uile na cridhe.


“Taisgibh nur cluasan na faclan seo: tha Mac an Duine gu bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine.”


Agus bha làmh an Tighearna còmhla riutha, agus thionndaidh àireamh mhòr dhe na chreid chun an Tighearna.


air sgàth an dòchais a th' air a thasgadh air ur son air nèamh, mun cuala sibh iomradh roimhe ann am facal fìrinn an t‑soisgeil


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan