Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:65 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

65 Agus thàinig eagal air an coimhearsnaich gu lèir; agus chaidh bruidhinn mu na rudan sin uile air feadh dùthaich àrd Iudèa air fad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

65 Agus thàinig eagal air an coimhearsnaich uile: agus dh’aithriseadh na nithean sin gu lèir air feadh dùthaich àrd Iudèa uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

65 Agus thàinig eagal air an coimhearsnaich uile: agus dh’aithriseadh na nithean sin gu lèir air feadh dùthaich àrd Iudèa uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

65 Agus thuit eagal air an coimhearsnaich uile; agus sgaoil na briathran so uile feadh bheanntan Iudéa air fad;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:65
12 Iomraidhean Croise  

A‑nis, às dèidh do dh'Ìosa a bhith air a bhreith ann an Betlehem Iudèa, ann an làithean Heroid an rìgh, seallaibh, thàinig Magi on àird an ear gu Ierusalem


Anns na làithean sin dh'èirich Moire agus chaidh i ann an cabhaig gu dùthaich nam beann, gu baile ann an Iùdah,


Agus ghabh iadsan uile a chuala seo iongnadh mu na rudan a bha na buachaillean air innse dhaibh.


Agus ghlac iongnadh iad uile, agus bha iad a' toirt glòir do Dhia, agus chaidh an lìonadh le eagal, ag ràdh, “Chunnaic sinne rudan do‑chreidsinn an‑diugh.”


Agus ghlac eagal iad uile, is ghlòraich iad Dia, ag ràdh, “Dh'èirich fàidh mòr nar measg‑ne,” agus “Tha Dia air tadhal air a shluagh fhèin le cùram.”


Fhuair uile luchd‑còmhnaidh Ephesuis eòlas air a seo, an dà chuid Iùdhaich is Greugaich. Agus thuit eagal orra uile, agus bha ainm an Tighearna Ìosa air àrd‑mholadh.


Agus thàinig eagal air a h‑uile h‑anam agus bha mòran mhìorbhailean is chomharraidhean gan dèanamh leis na h‑abstoil.


Agus thàinig eagal mòr air an eaglais gu lèir, agus orrasan uile a chuala mu na rudan seo.


Nuair a chuala Ananias na briathran seo, thuit e sìos is chaidh an deò às. Agus thàinig eagal mòr orrasan uile a chuala ma dheidhinn.


Ach às dèidh nan trì latha gu leth, chaidh anail beatha o Dhia a‑steach annta agus sheas iad suas air an casan, agus thuit eagal mòr orrasan a chunnaic iad.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan