Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:49 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

49 Oir tha an t‑Aon a tha cumhachdach air rudan mòra a dhèanamh dhomh; agus is naomh ainm‑san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

49 Do bhrìgh gun do rinn an Tì a tha cumhachdach nithean mòra dhomh; agus is naomh a ainm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

49 Do bhrìgh gun do rinn an Tì a tha cumhachdach nithean mòra dhomh; agus is naomh a ainm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

49 A chionn gun dʼ rinn esan a tha cumhachdach nichean mora dhomh; agus is naomh ʼainm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:49
21 Iomraidhean Croise  

Mar sin thug e cead dhaibh, agus thàinig na spioradan neòghlan a‑mach, agus chaidh iad a‑steach dha na mucan; agus ruith an treud, timcheall air dà mhìle dhiubh, sìos gu luath air leathad cas dhan mhuir; agus chaidh am bàthadh sa mhuir.


oir tha e air sealltainn air staid ìosal a shearbhanta: oir seall, o seo suas gabhaidh a h‑uile ginealach ‘beannaichte’ orm.


Agus tha a thròcair dhaibhsan dhan eagal e – o ghinealach gu ginealach.


A‑nis dhàsan a tha an comas tòrr mòr nas pailte a dhèanamh thairis air nas urrainn dhuinne iarraidh no smaoineachadh, a rèir a' chumhachd a tha ag obrachadh annainn,


Cò air nach biodh d' eagal a Thighearna agus nach glòraicheadh d' ainm? Oir tha thusa a‑mhàin naomh! Oir thig na nàiseanan gu lèir agus nì iad adhradh mud choinneamh, oir tha d' obraichean fìreanta air an dèanamh follaiseach.”


Agus bha sia sgiathan air gach fear dhe na creutairean beòtha, agus timcheall orra 's air an taobh a‑staigh bha iad làn shùilean, agus chan eil iad a' gabhail fois a latha 's a dh'oidhche, ag ràdh: “Naomh, naomh, naomh, An Tighearna Dia, an t‑Uile‑Chumhachdach, Esan a bha agus a tha agus a tha ri thighinn.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan