Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:48 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

48 oir tha e air sealltainn air staid ìosal a shearbhanta: oir seall, o seo suas gabhaidh a h‑uile ginealach ‘beannaichte’ orm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

48 Do bhrìgh gun d’amhairc e air staid ìosail a bhanoglaich: oir feuch, o seo suas goiridh gach linn beannaichte mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

48 Do bhrìgh gun d’amhairc e air staid ìosail a bhanoglaich: oir feuch, o seo suas goiridh gach linn beannaichte mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

48 A chionn gun do sheall e air irioslachd a bhan-sheirbhisich: oir, seall, á so suas their a h-uile ginealach beannaichte rium.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:48
19 Iomraidhean Croise  

agus thàinig e thuice is thuirt e, “Fàilte, O thusa a fhuair fàbhar, tha an Tighearna còmhla riut!”


Agus dh'èigh i a‑mach le guth àrd, “Is beannaichte thu am measg bhoireannach, agus is beannaichte toradh do bhroinne!


Agus is beannaichte ise a chreid gun deigheadh na thuirt an Tighearna rithe a choileanadh.”


Oir tha an t‑Aon a tha cumhachdach air rudan mòra a dhèanamh dhomh; agus is naomh ainm‑san.


Fhad 's a bha e ag ràdh nan rudan seo, thog boireannach am measg an t‑sluaigh a guth agus thuirt i ris, “Is beannaichte a' bhroinn a rinn do ghiùlain, agus na cìochan aig an do dheothail thu.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan