Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:46 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

46 Agus thuirt Moire, “Tha m' anam ag àrdachadh an Tighearna,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

46 Agus thubhairt Muire, Tha m’anam ag àrd-mholadh an Tighearna;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

46 Agus thubhairt Muire, Tha m’anam ag àrd‐mholadh an Tighearna;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

46 Us thuirt Moire: Tha mʼ anam a g-ardachadh an Tighearna:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:46
15 Iomraidhean Croise  

Ach chan e sin a‑mhàin, ach tha sinn a' bòstadh ann an Dia tro ar Tighearna Ìosa Crìosd, trom bheil sinn a‑nis air rèite fhaighinn.


Mar sin, mar a tha e sgrìobhte: “Am fear a tha a' bòstadh, bòstadh e san Tighearna.”


Ach taing do Dhia, a tha an‑còmhnaidh gar treòrachadh gu buadhach ann an Ìosa Crìosd agus tromhainne a' foillseachadh fàileadh eòlais fhèin anns gach àite:


oir is sinne an timcheall‑ghearradh, a tha ag adhradh ann an Spiorad Dhè 's a' bòstadh ann an Crìosd Ìosa, agus nach eil a' cur earbsa san fheòil –


Dèanaibh gàirdeachas san Tighearna an‑còmhnaidh, a‑rithist canaidh mi, dèanaibh gàirdeachas.


A‑nis gun dèanadh Dia na sìthe fhèin naomh sibh gu h‑iomlan agus gun gleidheadh e ur spiorad agus ur n‑anam slàn, agus ur cuirp gun choire, aig tighinn ar Tighearna Ìosa Crìosd.


Ged nach fhaca sibh e, tha sibh ga ghràdhachadh. Ged nach eil sibh a‑nis ga fhaicinn tha sibh a' creidsinn ann, 's tha sibh a' dèanamh gàirdeachais le aoibhneas thar bhriathran is làn glòire,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan