Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:41 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

41 Agus nuair a chuala Ealasaid fàilte Mhoire, leum an naoidhean na broinn, agus chaidh Ealasaid a lìonadh leis an Spiorad Naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

41 Agus thàrladh nuair a chuala Elisabet beannachadh Mhuire, gun do leum an naoidhean na broinn: agus lìonadh Elisabet leis an Spiorad Naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

41 Agus thàrladh nuair a chuala Elisabet beannachadh Mhuire, gun do leum an naoidhean na broinn: agus lìonadh Elisabet leis an Spiorad Naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

41 Us thachair, cho luath ʼsa chuala Ealasaid fàilt Moire, gun do leum an naoidhean ʼna com; agus lionadh Ealasaid leis an Spiorad Naomh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:41
15 Iomraidhean Croise  

Oir bidh e mòr mu choinneamh an Tighearna, agus chan òl e fìon no deoch‑làidir idir; agus bidh e air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, fiù 's o bhroinn a mhàthar.


agus chaidh i a‑steach do thaigh Shachariais, agus chuir i fàilte air Ealasaid.


Agus dh'èigh i a‑mach le guth àrd, “Is beannaichte thu am measg bhoireannach, agus is beannaichte toradh do bhroinne!


Oir seall, cho luath 's a thàinig fuaim d' fhàilte gu mo chluasan, leum an naoidhean le aoibhneas nam bhroinn.


Agus bha athair, Sachariah, air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, is rinn e fàidheadaireachd, ag ràdh:


Agus thill Ìosa, làn dhen Spiorad Naomh, o Iòrdan agus bha e air a threòrachadh leis an Spiorad anns an fhàsach


Agus bha iad uile air an lìonadh leis an Spiorad Naomh agus thòisich iad air bruidhinn ann an teangannan eile, mar a thug an Spiorad comas còmhraidh dhaibh.


An uair sin, làn dhen Spiorad Naomh, thuirt Peadar riutha, “A riaghladairean is èildearan an t‑sluaigh,


Mar sin, a bhràithrean, taghaibh a‑mach o ur measg seachdnar fhear le deagh chliù, làn dhen Spiorad agus de ghliocas, a chuireas sinne os cionn an dleastanais seo.


Ach, làn dhen Spiorad Naomh, choimhead esan gu geur a‑steach do nèamh agus chunnaic e glòir Dhè, agus Ìosa na sheasamh air deas‑làimh Dhè.


Mar sin dh'fhalbh Ananias is chaidh e a‑steach dhan taigh. Agus a' sìneadh a làmhan air thuirt e, “A bhràthair Saul, tha an Tighearna Ìosa, a nochd riut air an rathad air an tàinig thu, air mise a chur airson 's gum faigheadh tu do fhradharc air ais agus gum biodh tu air do lìonadh leis an Spiorad Naomh.”


Agus na bithibh air mhisg le fìon, oir is e pòitearachd a tha an sin, ach bithibh air ur lìonadh leis an Spiorad,


Bha mi anns an Spiorad air latha an Tighearna, agus chuala mi guth àrd air mo chùlaibh mar thrombaid,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan