Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:35 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

35 Agus fhreagair an t‑aingeal i, “Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Aoin as Àirde sgàil ort. Mar sin, an leanabh naomh a bhios air a bhreith, gabhaidh iad Mac Dhè air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

35 Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e rithe, Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Tì as àirde sgàil ort: uime sin an nì naomh sin a bheirear leat, goirear Mac Dhè dheth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

35 Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e rithe, Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Tì as àirde sgàil ort: uime sin an nì naomh sin a bheirear leat, goirear Mac Dhè dheth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

35 ʼS an t-aingeal a freagairt, thuirt e rithe: Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Tì is airde sgàile ort. Agus air an aobhar sin an Naomh a bheirear leat, theirear Mac Dhe ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:35
26 Iomraidhean Croise  

A‑nis seo mar a bha breith Ìosa Crìosd: nuair a bha a mhàthair Moire air ceangal‑pòsaidh a dhèanamh le Iòsaph, mus tàinig iad còmhla, chaidh a faighinn torrach on Spiorad Naomh.


Ach fhad 's a bha e a' smaoineachadh mu na rudan seo, seallaibh, nochd aingeal an Tighearna ris ann an aisling, ag ràdh, “Iòsaiph, a mhic Dhaibhidh, na biodh eagal ort Moire a ghabhail mar bhean, oir an nì a tha air a ghineamhainn innte, is ann on Spiorad Naomh a tha e.


Agus rinn iadsan a bh' anns an eathar adhradh dha, ag ràdh, “Gu fìrinneach is tusa Mac Dhè!”


Nuair a chunnaic an ceannard‑ceud is iadsan a bha còmhla ris, a bha a' cumail faire air Ìosa, a' chrith‑thalmhainn agus na thachair, ghabh iad oillt mhòr, agus thuirt iad, “Gu fìrinneach b' e an duine seo Mac Dhè!”


Agus thàinig am buaireadair is thuirt e, “Mas tu Mac Dhè, can ris na clachan seo tionndadh nan aran.”


Toiseach soisgeul Ìosa Crìosd, Mac Dhè.


ag ràdh, “Dè do ghnothach‑sa rinne, Ìosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Is aithne dhòmhsa cò thu – Aon Naomh Dhè.”


gu òigh a bha fo ghealladh‑pòsaidh aig fear dham b' ainm Iòsaph, de thaigh Dhaibhidh; b' e ainm na h‑òighe Moire,


Agus thuirt Moire ris an aingeal, “Ciamar as urrainn seo a bhith, on as e òigh a th' annamsa?”


Agus, seall, do bhanacharaid Ealasaid, na seann aois, tha ise cuideachd torrach le mac; agus is e seo an t‑siathamh mìos dhìse air an deach neo‑thorrach a ghabhail,


Chunnaic mi agus tha mi a' toirt fianais gur e seo Mac Dhè.”


An uair sin fhreagair Natànael e, “A Rabaidh, is tusa Mac Dhè; is tusa Rìgh Israeil.”


Ach tha iad seo sgrìobhte airson 's gun creideadh sibh gur e Ìosa an Crìosd, Mac Dhè, agus tro bhith a' creidsinn, gum biodh beatha agaibh na ainm‑san.


Agus fhad 's a bha iad a' dol air adhart air an rathad thàinig iad gu uisge àraidh agus thuirt an caillteanach, “Seall, seo uisge! Dè a tha gam bhacadh bho a bhith air mo bhaisteadh?”


agus a bh' air a dhearbhadh gu follaiseach a bhith na Mhac Dhè le cumhachd a rèir Spiorad na naomhachd, tron aiseirigh o na mairbh: Ìosa Crìosd ar Tighearna.


agus cha mhise tuilleadh a tha beò, ach Crìosd a tha beò annamsa. Agus a' bheatha a tha mi a‑nis a' caitheamh san fheòil tha mi a' caitheamh tro chreideamh ann am Mac Dhè, a thug gràdh dhomh agus a thug e fhèin seachad air mo shon.


's nam measg bha sinne cuideachd beò roimhe ann an ana‑miannan ar feòla, a' dèanamh toil na feòla is nan smuaintean, agus bha sinn, a thaobh nàdair, nar cloinn na feirge, dìreach mar chàch.


Oir chan eil àrd‑shagart againne nach urrainn co‑fhaireachdainn a nochdadh dhar laigsean; ach a chaidh a bhuaireadh anns gach rud coltach rinn fhèin, ach às aonais peacaidh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan