Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:30 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

30 Agus thuirt an t‑aingeal rithe, “Na bi fo eagal, a Mhoire; oir fhuair thu fàbhar le Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

30 Agus thubhairt an t‑aingeal rithe, Na biodh eagal ort, a Mhuire: oir fhuair thu deagh-ghean o Dhia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

30 Agus thubhairt an t‑aingeal rithe, Na biodh eagal ort, a Mhuire: oir fhuair thu deagh‐ghean o Dhia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

30 Us thuirt an t-aingeal rithe: Na biodh eagal ort, a Mhoire, oir fhuair thu grasan an lathair Dhe:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:30
13 Iomraidhean Croise  

Ach sa bhad bhruidhinn Ìosa riutha ag ràdh, “Biodh deagh mhisneach agaibh, is mise a th' ann – na biodh eagal oirbh.”


Ach thuirt an t‑aingeal ris na boireannaich, “Na biodh eagal oirbh, oir tha fios agam gu bheil sibh a' sireadh Ìosa a chaidh a cheusadh.


Ach thuirt an t‑aingeal ris, “Na gabh eagal, a Shachariah; oir chaidh d' ùrnaigh a chluinntinn, agus beiridh do bhean Ealasaid mac dhut, agus bheir thu Eòin mar ainm air.


“Na biodh eagal oirbh, a threud bhig, oir is e deagh thoil ur n‑Athar an rìoghachd a thoirt dhuibh.


ag ràdh, ‘Na biodh eagal ort, a Phòil; feumaidh tu seasamh mu choinneamh Chèasair; agus seall, tha Dia air iadsan uile a thoirt dhut a tha a' seòladh còmhla riut.’


Dè mar sin a chanas sinn ri na rudan sin? Ma tha Dia air ar son, cò as urrainn a bhith nar n‑aghaidh?


Mar sin, canaidh sinne le misneachd: “'S e an Tighearna m' fhear‑cuideachaidh; cha bhi eagal orm. Dè a nì duine orm?”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan