Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 chunnaic mise iomchaidh e cuideachd – on a rannsaich mi a h‑uile rud gu mionaideach on toiseach – eachdraidh òrdail a sgrìobhadh dhut, a Theophiluis as uaisle,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Chunnacas iomchaidh dhòmhsa mar an ceudna, a Theophiluis ro‑òirdheirc, air faotainn dearbh fhios nan uile nithean dhomh on fhìor thoiseach, sgrìobhadh ad ionnsaigh-sa ann an òrdagh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Chunnacas iomchaidh dhòmhsa mar an ceudna, a Theophiluis ro‑òirdheirc, air faotainn dearbh fhios nan uile nithean dhomh on fhìor thoiseach, sgrìobhadh ad ionnsaigh‐sa ann an òrdagh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

3 Feuch, dh'fhoillsich Dia a ghàirdean treun. an t‑uaibhreach thrèig e tur; Luchd‑àrdain thilg on cathair‑rìgh, 's an t‑ìosal thog on dus.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Chunnacas iomchuidh leamsa cuideachd, ʼs mi air faotuinn a mach gu dichiollach gach ni bho thoiseach, an sgriobhadh an ordugh dhut, a Theophiluis urramaich,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:3
17 Iomraidhean Croise  

A chionn 's gu bheil mòran air gabhail os làimh cunntas a chur ri chèile mu na rudan a chaidh a choileanadh nar measg‑ne,


Anns a' chiad leabhar, a Theophiluis, sgrìobh mi mun a h‑uile rud a thòisich Ìosa air a dhèanamh 's air a theagasg,


Ach thòisich Peadar agus mhìnich e dhaibh gu h‑òrdail e.


“Mar sin is e mo bheachd‑sa nach bu chòir dhuinn dragh a chur orrasan dhe na Cinnich a tha a' tionndadh gu Dia,


tha e air coimhead iomchaidh dhuinne, às dèidh dhuinn tighinn gu aonta, daoine a thaghadh agus an cur thugaibh le ar bràithrean gràdhach Barnabas is Pòl –


Oir bha e a' coimhead iomchaidh dhan Spiorad Naomh agus dhuinne gun eallach na bu mhotha a chur oirbh na na h‑iarrtasan seo:


Às dèidh beagan ùine a chur seachad an sin, dh'fhàg e agus chaidh e o àite gu àite tro cheàrnaidh Ghalàtia is Phrigia, a' neartachadh nan deisciobal gu lèir.


A Chlaudiuis Lisiais, Chun an Riaghladair as uaisle Felics: Fàilte.


anns a h‑uile dòigh 's anns a h‑uile h‑àite, tha sinn a' gabhail ri seo leis gach taingealachd.


Ach thuirt esan, “Chan eil mi às mo rian, Fhestuis as uaisle, ach tha mi ag ràdh briathran fìor is ciallach.


Ach a thaobh ar bràthair Apollos, dh'earalaich mi air a dhol thugaibh le na bràithrean, ach cha b' e a mhiann‑san idir tighinn an‑dràsta, ach thig e nuair a gheibh e cothrom.


Nam bheachd‑sa tha i nas toilichte ma dh'fhanas i mar a tha i – agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil Spiorad Dhè agamsa cuideachd.


Le bhith a' cur nan rudan seo mu choinneamh nam bràithrean bidh thu nad dheagh sheirbheiseach do dh'Ìosa Crìosd, air do bheathachadh le faclan a' chreideimh agus leis an deagh theagasg a tha thu air a leantainn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan