Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:26 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

26 Anns an t‑siathamh mìos, chaidh an t‑aingeal Gàbriel a chur o Dhia gu baile ann an Galile air an robh an t‑ainm Nàsaret,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

26 Agus anns an t‑siathamh mìos, chuireadh an t‑aingeal Gabriel o Dhia, gu baile de Ghalile, dom b’ainm Nàsaret;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

26 Agus anns an t‑siathamh mìos, chuireadh an t‑aingeal Gabriel o Dhia, gu baile de Ghalile, dom b’ainm Nàsaret;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

26 ʼS air an t-siathamh mios chuireadh an t-aingeal Gabriel bho Dhia gu baile an Galile dhaʼn ainm Nasareth,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:26
8 Iomraidhean Croise  

agus chaidh e is dh'fhuirich e ann am baile air an robh an t‑ainm Nàsaret, airson 's gun deigheadh an rud a chaidh a ràdh leis na fàidhean a choileanadh: “Thèid Nàsarach a ghabhail air.”


Agus fhreagair an t‑aingeal e, “Is mise Gàbriel a tha a' seasamh mu choinneamh Dhè, agus chaidh mo chur airson bruidhinn riutsa agus an naidheachd mhath seo a thoirt thugad.


Thuirt feadhainn eile, “Is e seo an Crìosd.” Ach thuirt buidheann eile, “Chan ann o Ghalile a thig an Crìosd, an ann?


Chaidh Iòsaph cuideachd suas o Ghalile, à baile Nàsaret, gu Iudèa, gu baile Dhaibhidh, ris an canar Betlehem, a chionn 's gum buineadh e do theaghlach agus do shliochd Dhaibhidh,


Agus nuair a choilean iad a h‑uile rud a rèir Lagh an Tighearna, thill iad a Ghalile, dham baile fhèin, Nàsaret.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan