Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:22 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

22 Agus nuair a thàinig e a‑mach, cha b' urrainn dha bruidhinn riutha, agus thuig iad gum faca e sealladh anns an teampall, oir chùm e air a' smèideadh riutha, agus dh'fhan e balbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

22 Agus nuair a thàinig e a‑mach, cha b’urrainn e labhairt riu: agus thuig iad gum faca e sealladh nèamhaidh anns an teampall: oir bha e a’ smèideadh orra, agus dh’fhan e na thosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

22 Agus nuair a thàinig e a‑mach, cha b’urrainn e labhairt riu: agus thuig iad gum faca e sealladh nèamhaidh anns an teampall: oir bha e a’ smèideadh orra, agus dh’fhan e na thosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

22 Air dha tighinn a mach cha bʼurrainn da bruidhinn riu, us thuig iad gum faca e sealladh san teampull. ʼS bha e smeideadh riu, agus dhʼ fhan e balbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:22
8 Iomraidhean Croise  

Agus bha an sluagh a' feitheamh ri Sachariah, agus bha an dàil a rinn e anns an teampall a' cur iongnadh orra.


Agus nuair a bha làithean a fhrithealaidh seachad chaidh e dha thaigh fhèin.


Agus smèid iad air athair, a' faighneachd dha dè a bu toigh leis‑san a thoirt air.


Mar sin smèid Sìmon Peadar ris‑san, airson 's gum faighnicheadh e do dh'Ìosa cò mu dheidhinn a bhruidhinn e.


Ach a' smèideadh riutha le a làimh gum biodh iad sàmhach, chuir e an cèill dhaibh mar a bha an Tighearna air a thoirt às a' phrìosan. Agus thuirt e, “Innsibh na rudan seo do Sheumas agus dha na bràithrean.” An uair sin dh'fhàg e agus chaidh e a dh'àite eile.


Phiobraich cuid dhen t‑sluagh Alecsander, a bha na h‑Iùdhaich air a chur air adhart. Agus a' smèideadh le a làimh, bha Alecsander ag iarraidh dìon a dhèanamh air fhèin dhan t‑sluagh.


Agus nuair a bha e air cead a thoirt dha, a' seasamh air na steapaichean, smèid Pòl le a làmhan ris an t‑sluagh. Agus nuair a bha sàmhchair mhòr ann, bhruidhinn e riutha anns a' chànan Eabhrach, ag ràdh:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan