Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:19 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

19 Agus fhreagair an t‑aingeal e, “Is mise Gàbriel a tha a' seasamh mu choinneamh Dhè, agus chaidh mo chur airson bruidhinn riutsa agus an naidheachd mhath seo a thoirt thugad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

19 Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris, Is mise Gabriel a sheasas an làthair Dhè; agus chuireadh mi a labhairt riutsa, agus a dh’innse na naidheachd mhaith seo dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

19 Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris, Is mise Gabriel a sheasas an làthair Dhè; agus chuireadh mi a labhairt riutsa, agus a dh’innse na naidheachd mhaith seo dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

19 Fhreagair an t-aingeal us thuirt e ris: Is mise Gabriel, a tha na mʼ sheasamh air bialaobh Dhe; agus chuireadh mi a labhairt riut, ʼsa dhʼinnse naigheachd so an aigh dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:19
8 Iomraidhean Croise  

Anns an t‑siathamh mìos, chaidh an t‑aingeal Gàbriel a chur o Dhia gu baile ann an Galile air an robh an t‑ainm Nàsaret,


“Thugaibh an aire nach dèan sibh tàir air aon dhen fheadhainn bhig seo. Oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an ainglean‑san ann an nèamh an‑còmhnaidh a' faicinn aghaidh m' Athar‑sa a tha ann an nèamh.


Mar sin, on a tha àrd‑shagart mòr againn a chaidh a‑steach tro na nèamhan, Ìosa Mac Dhè, cumamaid gu daingeann ar n‑aidmheil.


Ach thuirt an t‑aingeal riutha, “Na biodh eagal oirbh: oir seallaibh, tha mi a' toirt deagh sgeul thugaibh, a bhios na mhòr‑aoibhneas dhuibhse agus dhan t‑sluagh gu lèir.


Agus, seall, bidh thu balbh is gun chomas bruidhinn gus an latha nuair a thachras na rudan seo, a chionn 's nach do chreid thu m' fhaclan‑sa, a bhios air an coileanadh nan àm fhèin.”


Dèanaibh faire aig gach àm, a' dèanamh ùrnaigh airson 's gum bi an neart agaibh airson teicheadh on a h‑uile rud a tha a' dol a thachairt, agus airson seasamh mu choinneamh Mhic an Duine.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan