Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 9:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 A‑nis fhad 's a chaidh e air a shlighe, theann e dlùth ri Damascas agus gu grad dheàlraich solas o nèamh mun cuairt air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus ag imeachd dha, thàrladh gun do dhruid e ri Damascas: agus dhealraich gu h‑obann mun cuairt air solas o nèamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus ag imeachd dha, thàrladh gun do dhruid e ri Damascas: agus dhealraich gu h‑obann mun cuairt air solas o nèamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 ʼS nuair a bha e air a thurus, thachair gun robh e teannadh air Damascus; us air ball dhealraich solus bho neamh mun cuairt da.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 9:3
10 Iomraidhean Croise  

agus mu dheireadh thall, nochd e e fhèin dhòmhsa cuideachd, mar neach a rugadh ann an an‑àm.


“Fhad 's a bha mi air mo shlighe 's a theann mi dlùth ri Damascas, mu mheadhan‑latha gu grad dheàlraich solas mòr o nèamh mun cuairt orm.


Agus cha robh feum aig a' bhaile air a' ghrèin no air a' ghealaich airson deàlrachadh ann, oir bha glòir Dhè ga shoilleireachadh, agus b' e a lampa an t‑Uan.


a tha a‑mhàin neo‑bhàsmhor, a tha a' còmhnaidh ann an solas neo‑ruigsinneach, esan nach fhaca neach sam bith o mheasg dhaoine, 's nach motha is urrainn dhaibh fhaicinn; gu robh urram is cumhachd sìorraidh aige. Amen.


Agus cha bhi oidhche ann tuilleadh agus cha bhi feum aca air lampa no air solas na grèine, oir bheir an Tighearna Dia solas dhaibh agus rìoghaichidh iad gu saoghal nan saoghal.


Mar sin dh'fhalbh Ananias is chaidh e a‑steach dhan taigh. Agus a' sìneadh a làmhan air thuirt e, “A bhràthair Saul, tha an Tighearna Ìosa, a nochd riut air an rathad air an tàinig thu, air mise a chur airson 's gum faigheadh tu do fhradharc air ais agus gum biodh tu air do lìonadh leis an Spiorad Naomh.”


Ach ghabh Barnabas grèim air agus thug e gu na h‑abstoil e agus dh'innis e dhaibh mar a bha e air an Tighearna fhaicinn air an rathad is gun do bhruidhinn e ris agus mar a shearmonaich e gu dàn ann an Damascas ann an ainm Ìosa.


Nach eil mise saor? Nach e abstol a th' annam? Nach fhaca mi Ìosa Crìosd ar Tighearna? Nach sibhse m' obair san Tighearna?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan