Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 8:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Ach thòisich Saul a' creachadh na h‑eaglaise, a' dol a‑steach o thaigh gu taigh, a' draghadh air falbh fhear is bhoireannach is gan cur dhan phrìosan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Ach bha Saul a’ fàsachadh na h‑eaglais, a’ dol a‑steach do gach taigh; agus a’ tarraing a‑mach fhear agus bhan, chuir e ann am prìosan iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Ach bha Saul a’ fàsachadh na h‑eaglais, a’ dol a‑steach do gach taigh; agus a’ tarraing a‑mach fhear agus bhan, chuir e ann am prìosan iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Ach bha Saul a sgriosadh na h-eaglais, a dol bho thigh gu tigh ʼsa slaodadh a mach fhirionnach agus bhoirionnach, ʼs gan sparradh am priosan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 8:3
13 Iomraidhean Croise  

Ach nuair a chunnaic a maighstirean gun robh an dòchas prothaid aca air falbh, rug iad air Pòl is Silas agus dhragh iad a‑steach dhan ionad mhargaidh iad, mu choinneamh nan riaghladairean.


“Agus thuirt mise, ‘A Thighearna, is aithne dhaib' fhèin gun do thilg mi ann am prìosan 's gun do dhochainn mi ann an sionagog às dèidh sionagoig iadsan a chreid annadsa.


Agus thilg iad a‑mach às a' bhaile e agus chlach iad e. Agus shìn na fianaisean na badan aodaich aca sìos aig casan fir òig, dham b' ainm Saul.


Agus dh'adhlaic daoine cràbhach Steaphan is rinn iad caoidh mhòr air a shon.


Agus bha iadsan uile a chuala e fo iongnadh agus thuirt iad, “Nach e seo esan a rinn sgrios ann an Ierusalem air an fheadhainn a ghairm air an ainm seo? Agus nach tàinig e an seo airson 's gun toireadh e ceangailte iad gu na h‑àrd‑shagartan?”


Oir is mise as lugha dhe na h‑abstoil, nach eil airidh air abstol a ghabhail orm, a chionn 's gun robh mi a' geur‑leanmhainn eaglais Dhè.


Oir tha sibh air cluinntinn mun chaitheamh‑beatha a b' àbhaist a bhith agam ann an Iùdhachas, mar a bha mi a' geur‑leanmhainn eaglais Dhè thar tomhas agus a' feuchainn ri a sgrios.


a thaobh eud, a' dèanamh geur‑leanmhainn air an eaglais; a thaobh na fìreantachd a th' anns an lagh, neo‑choireach.


Bha mise roimhe toibheumach agus nam gheur‑leanmhainniche agus nam dhuine stràiceil, ach fhuair mi tròcair, oir nam aineolas rinn mi e ann an eas‑creideamh.


Ach thug sibhse masladh dhan fhear bhochd! Nach eil sibh air ur claoidh leis na daoine beairteach? Nach eil iadsan gur draghadh dhan chùirt?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan