Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 8:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Agus bha Saul ag aontachadh le a mhurt. Agus air an latha sin dh'èirich geur‑leanmhainn mòr an aghaidh na h‑eaglaise ann an Ierusalem, agus bha iad uile air an sgapadh air feadh cheàrnaidhean Iudèa is Shamaria, ach na h‑abstoil a‑mhàin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus bha Saul ag aontachadh le a bhàs-san. Agus dh’èirich anns an àm sin geur-leanmhainn mhòr an aghaidh na h‑eaglais a bha ann an Ierusalem; agus bha iad uile air an sgapadh air feadh tìr Iudèa agus Shamaria, ach na h‑abstoil a‑mhàin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus bha Saul ag aontachadh le a bhàs‐san. Agus dh’èirich anns an àm sin geur‐leanmhainn mhòr an aghaidh na h‑eaglais a bha ann an Ierusalem; agus bha iad uile air an sgapadh air feadh tìr Iudèa agus Shamaria, ach na h‑abstoil a‑mhàin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Agus rinneadh anns an àm sin geur-leanmhuinn mhor an aghaidh na h-eaglais a bha ann an Ierusalem, agus sgapadh iad uile, ach na h-ostail, air feadh dhuchannan Iudéa us Shamaria.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 8:1
35 Iomraidhean Croise  

agus rug an còrr dhiubh air a sheirbheisich, agus làimhsich iad gu maslach iad agus mharbh iad iad.


Mar sin, seallaibh, tha mi a' cur thugaibh fàidhean is daoine glice is sgrìobhaichean, cuid dhiubh a mharbhas agus a cheusas sibh, agus cuid dhiubh a' sgiùrsas sibh nur sionagogan, is a gheur‑leanas sibh o bhaile gu baile.


“Is sibhse salann na talmhainn, ach ma tha an salann air a bhlas a chall, ciamar a thèid a dhèanamh saillte a‑rithist? Chan eil e feumail tuilleadh airson rud sam bith, ach airson a bhith air a thilgeil a‑mach agus air a shaltairt fo chasan dhaoine.


Cuimhnichibh am facal a thuirt mi ribh: ‘Chan eil seirbheiseach nas motha na a mhaighstir.’ Ma rinn iad geur‑leanmhainn ormsa, nì iad geur‑leanmhainn oirbhse cuideachd. Ma chùm iad m' fhacal‑sa, cumaidh iad ur facal‑se cuideachd.


Cuiridh iad às an t‑sionagog sibh; dha‑rìribh tha an uair a' tighinn nuair a shaoileas ge b' e cò a mharbhas sibh gu bheil e a' tairgse seirbheis do Dhia.


Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh, agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa ann an Ierusalem agus ann an Iudèa gu lèir agus ann an Samaria, agus gu crìoch na talmhainn.”


A‑nis san eaglais a bh' ann an Antioch bha fàidhean agus luchd‑teagaisg: Barnabas, Simeon ris an canar Niger, Lucius o Chirène, Manaen (a chaidh a thogail còmhla ri Heroid an tetrarc) agus Saul.


“Oir thuit Daibhidh – às dèidh dha adhbhar Dhè a choileanadh na ghinealach fhèin – na chadal agus chaidh adhlacadh còmhla ri athraichean agus chunnaic e truaillidheachd.


a' moladh Dhè agus iad le fàbhar aca on t‑sluagh gu lèir. Agus chuir an Tighearna iadsan a bha gan teàrnadh ris an àireamh aca latha às dèidh latha.


Agus nuair a bha fuil Steaphain, d' fhianais‑sa, ga dòrtadh, bha mise mi fhèin nam sheasamh faisg air làimh agus ag aontachadh 's a' cumail sùil air aodach na feadhna a bha ga mharbhadh.’


Agus is e sin a rinn mi ann an Ierusalem. Cha b' e a‑mhàin gun do ghlas mi mòran dhe na naoimh ann am prìosain às dèidh ùghdarrais fhaighinn o na h‑àrd‑shagartan, ach nuair a chaidh an cur gu bàs bhòt mi nan aghaidh.


agus ghlac iad na h‑abstoil agus chuir iad dhan phrìosan phoblach iad.


“Thallaibh 's seasaibh is innsibh briathran na beatha seo gu lèir dhan t‑sluagh san teampall.”


Nuair a chuala iad seo ghabh iad an caoch agus bha iad ag iarraidh am marbhadh.


agus nuair a bha iad air na h‑abstoil a ghairm a‑steach, dhochainn iad iad agus dh'òrdaich iad dhaibh gun bruidhinn ann an ainm Ìosa, agus leig iad às iad.


Is e seo am fear a bha sa choitheanal san fhàsach còmhla ris an aingeal a bhruidhinn aig Beinn Shinài ris agus ri ar n‑athraichean; agus fhuair e briathran beò airson an toirt dhuinne.


A‑nis nuair a chuala iad na rudan seo, bha iad air an cur air bhoil nan cridhe, agus bha iad a' gìosgail am fiaclan ris.


Agus thilg iad a‑mach às a' bhaile e agus chlach iad e. Agus shìn na fianaisean na badan aodaich aca sìos aig casan fir òig, dham b' ainm Saul.


A‑nis nuair a chuala na h‑abstoil a bh' ann an Ierusalem gun do ghabh Samaria ri facal Dhè, chuir iad thuca Peadar is Eòin


Agus dh'adhlaic daoine cràbhach Steaphan is rinn iad caoidh mhòr air a shon.


A‑nis, iadsan a bh' air an sgapadh, chaidh iad mun cuairt a' searmonachadh an fhacail.


Chaidh Philip sìos do bhaile Shamaria 's bha e a' searmonachadh Chrìosd dhaibh.


Mar sin bha sìth aig an eaglais air feadh Iudèa gu lèir is Ghalile is Shamaria, agus bha i air a daingneachadh. Agus a' coiseachd ann an eagal an Tighearna 's ann an cofhurtachd an Spioraid Naoimh, dh'fhàs i ann an àireamh.


Ged as aithne dhaibh òrdugh Dhè – gu bheil iadsan a chuireas a' leithid an gnìomh airidh air bàs – chan e a‑mhàin gu bheil iad gan dèanamh ach gu bheil iad cuideachd ag aontachadh leothasan a tha gan cur an gnìomh.


Ach tha mi ag iarraidh gum bi fios agaibh, a bhràithrean, gu bheil na thachair dhòmhsa air tachairt airson barrachd adhartais an t‑soisgeil,


Tro chreideamh, dh'fhàg e an Èipheit gun eagal air ro fhearg an rìgh; oir lean e air mar gun robh e a' faicinn an Aoin a bha neo‑fhaicsinneach.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan