Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 7:53 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

53 sibhse a fhuair an lagh a chaidh òrdachadh tro ainglean, agus nach do chùm e.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

53 Sibhse a fhuair an lagh le frithealadh nan aingeal, agus nach do choimhead e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

53 Sibhse a fhuair an lagh le frithealadh nan aingeal, agus nach do choimhead e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

53 A fhuair an lagh le frithealadh ainglean, ʼs nach do chuin e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 7:53
10 Iomraidhean Croise  

Nach tug Maois an lagh dhuibh? Agus fhathast chan eil aon neach agaibh a' coileanadh an lagha. Carson a tha sibh a' feuchainn ri mise a mharbhadh?”


Is e seo am fear a bha sa choitheanal san fhàsach còmhla ris an aingeal a bhruidhinn aig Beinn Shinài ris agus ri ar n‑athraichean; agus fhuair e briathran beò airson an toirt dhuinne.


Carson ma‑thà an lagh? Chaidh a chur ris air sgàth eas‑ùmhlachd, às dèidh dha a bhith air òrdachadh tro ainglean le làimh eadar‑mheadhanair, gus an tigeadh an sìol dhan deach an gealladh a thoirt.


Oir chan eil iadsan fhèin a th' air an timcheall‑ghearradh a' cumail an lagha, ach is miann leotha sibhse a bhith air ur timcheall‑ghearradh, airson 's gum bòstadh iad nur feòil‑se.


Oir ma chaidh am facal a thuirt na h‑ainglean a dhaingneachadh is gun d' fhuair a h‑uile briseadh‑lagha is eas‑ùmhlachd ath‑dhìoladh dligheach;


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan