Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 7:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 agus thuirt e ris, ‘Thalla a‑mach às do thìr agus od chàirdean, agus rach a‑steach dhan tìr a sheallas mise dhut.’

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus thubhairt e ris, Rach a‑mach à do thìr fhèin, agus od chinneach, agus thig a‑chum na tìre a nochdas mise dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus thubhairt e ris, Rach a‑mach à do thìr fhèin, agus od chinneach, agus thig a‑chum na tìre a nochdas mise dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Agus thuirt e ris: Falbh a mach á do dhuthaich fhein us á do chinneadh, agus thig gus an talamh a dhʼ fhiachas mi dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 7:3
11 Iomraidhean Croise  

“Ge b' e cò a ghràdhaicheas athair no màthair nas motha na mise, chan eil e airidh orm, agus ge b' e cò a ghràdhaicheas mac no nighean os mo chionn‑sa, chan eil e airidh orm.


Anns an aon dòigh, gach neach agaibhse nach trèig a h‑uile rud a th' aige, chan urrainn dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.


“An uair sin chaidh esan a‑mach o thìr nan Caldèanach is rinn e còmhnaidh ann a Haran. Agus o sin, às dèidh bàs athar, thug Dia a‑mach e às a sin dhan tìr seo sa bheil sibhse a‑nis a' fuireach.


“Mar sin, thigibh a‑mach om measg agus bithibh dealaichte, tha an Tighearna ag ràdh. Is na buinibh dhan rud neòghlan, agus cuiridh mise fàilte oirbh.”


Tro chreideamh, nuair a chaidh Abrahàm a ghairm gus falbh a‑mach gu àite a bha e dol a dh'fhaighinn mar oighreachd, rinn e ùmhlachd agus dh'fhalbh e a‑mach gun fhios aige càit a robh e a' dol.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan