Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 5:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Ach thuirt Peadar, “Ananiais, carson a lìon Sàtan do chridhe gus breug innse dhan Spiorad Naomh agus gus pàirt de phrìs na talmhainn a chumail air ais?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Ach thubhairt Peadar, Ananiais, carson a lìon Sàtan do chridhe a dhèanamh brèige don Spiorad Naomh, agus a cheiltinn cuid de luach an fhearainn?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Ach thubhairt Peadar, Ananiais, carson a lìon Sàtan do chridhe a dhèanamh brèige don Spiorad Naomh, agus a cheiltinn cuid de luach an fhearainn?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Ach thuirt Peadar: Ananiais, car-son a bhuair Satan do chridhe, gu briag a dhianamh do ʼn Spiorad Naomh, us gu roinn de phris an fhearainn a chumail le foill?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 5:3
25 Iomraidhean Croise  

A h‑uile neach a chluinneas facal na rìoghachd agus nach tuig e, tha an droch fhear a' tighinn agus a toirt air falbh na chaidh a chur na chridhe; is e seo an sìol a chaidh a chur ri taobh an rathaid.


An uair sin chaidh Sàtan a‑steach ann an Iùdas, ris an canar Iscariot, a bha air àireamh am measg an dà fhear dheug.


Agus fhad 's a bha iad aig suipear, bha an diabhal mu thràth air a chur ann an cridhe Iùdais Iscariot, mac Shìmoin, esan a bhrath.


An uair sin, às dèidh dha an grèim a ghabhail, chaidh an Sàtan a‑steach ann. Mar sin thuirt Ìosa ris, “An rud a tha thu a' dol a dhèanamh, dèan gu luath e.”


agus, le fios a bhith aig a bhean cuideachd air, chùm e air ais cuid dhen airgead agus thug e dìreach pàirt dheth is shìn e aig casan nan abstol e.


Fhad 's a bha e agad, nach b' ann leat a bha e? Agus às dèidh a reic, nach robh còir agad air? Carson a shuidhich thu nad chridhe an gnìomh seo a dhèanamh? Cha b' ann do dhaoine a dh'innis thu breug ach do Dhia.”


Ach thuirt Peadar rithe, “Carson a dh'aontaich sibh còmhla Spiorad an Tighearna a bhuaireadh? Seall, tha casan na feadhna a dh'adhlaic d' fhear aig an doras, agus giùlainidh iad thusa a‑mach cuideachd.”


Ùmhlaichibh sib' fhèin mar sin do Dhia. Seasaibh an aghaidh an diabhail, agus teichidh e uaibh.


Bithibh sòbarra, cumaibh faire, oir tha ur nàmhaid, an diabhal, a' coiseachd mun cuairt mar leòmhann beucach, a tha a' sireadh cò a shluigeas e.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan