Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 4:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 fo dhragh mòr a chionn 's gun robh iad a' teagasg an t‑sluaigh agus a' searmonachadh aiseirigh o na mairbh tre Ìosa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Air dhaibh a bhith fo dhoilgheas gu robh iad a’ teagasg an t‑sluaigh, agus a’ searmonachadh tre Iosa aiseirigh nam marbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Air dhaibh a bhith fo dhoilgheas gu robh iad a’ teagasg an t‑sluaigh, agus a’ searmonachadh tre Iosa aiseirigh nam marbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 ʼS iad duilich gun robh iad a teagasg an t-sluaigh, agus a searmonachadh ann an Iosa aiseirigh bho na mairbh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 4:2
18 Iomraidhean Croise  

Ach nuair a chunnaic na h‑Iùdhaich na slòigh, chaidh an lìonadh le eud agus thòisich iad air cur an aghaidh na bha Pòl ag ràdh, 's a' toirt toibheim.


Rinn cuid dhe na feallsanaich Epicurach agus Stòiceach cuideachd còmhradh ris. Bha cuid ag ràdh, “Dè a tha an cabadair seo ag iarraidh a chantainn?” Bha cuid eile ag ràdh, “Is coltach gur e searmonaiche dhiathan coimheach a th' ann” – a chionn 's gun robh e a' searmonachadh Ìosa agus na h‑aiseirigh.


Mun àm sin dh'èirich buaireadh nach bu bheag mun t‑Slighe.


a bharrachd air an aon rud seo a dh'èigh mi a‑mach fhad 's a sheas mi nam measg: ‘Is ann air sgàth na h‑aiseirigh o na mairbh a tha mi fo dheuchainn mur coinneamh an‑diugh.’”


gum feumadh an Crìosd fulang agus, mar a' chiad neach ag èirigh o na mairbh, gun cuireadh e an cèill solas an dà chuid dhar sluagh‑ne agus dha na Cinnich.”


Carson a tha e air a shaoilsinn do‑chreidsinneach nur measg gu bheil Dia a' togail nam mairbh?


agus mharbh sibh Ùghdar na Beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean.


Ach dh'èirich an t‑àrd‑shagart, agus iadsan uile a bha còmhla ris ('s e sin buidheann nan Sadusach), 's iad air an lìonadh le eud,


Ma tha an Spiorad aigesan a thog Ìosa o na mairbh a' còmhnaidh annaibh, bheir esan a thog Crìosd o na mairbh cuideachd beatha dhar bodhaigean bàsmhor, tro chòmhnaidh an Spioraid annaibh.


Ach gach neach na òrdugh fhèin: Crìosd a' chiad‑thoradh, às dèidh sin iadsan a tha le Crìosd aig a thighinn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan