Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 3:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 A‑nis bha Peadar is Eòin a' dol suas dhan teampall aig àm na h‑ùrnaigh – trì uairean feasgar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus chaidh Peadar agus Eòin le chèile suas don teampall, aig uair na h‑ùrnaigh, eadhon an naoidheamh uair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus chaidh Peadar agus Eòin le chèile suas don teampall, aig uair na h‑ùrnaigh, eadhon an naoidheamh uair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 A nis chaidh Peadar us Eoin suas do ʼn teampull aig an naoitheamh uair de ʼn urnaigh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 3:1
27 Iomraidhean Croise  

Agus às dèidh sia latha thug Ìosa leis Peadar is Seumas, is Eòin a bhràthair, agus threòraich e iad suas beinn àrd leotha fhèin.


Agus thug e leis Peadar agus dithis mhac Shebede, agus thòisich e air a bhith tùrsach, agus air a bhuaireadh.


A‑nis o mheadhan‑latha thàinig dorchadas thairis air an tìr gu lèir, gu trì uairean feasgar.


Agus bha mòr‑bhuidheann an t‑sluaigh gu lèir ag ùrnaigh a‑muigh aig àm na tùise.


“Chaidh dithis fhear suas dhan teampall a dh'ùrnaigh, fear dhiubh na Pharasach 's am fear eile na chìs‑mhaor.


Chuir Ìosa a‑mach Peadar agus Eòin, ag ràdh, “Thallaibh agus ullaichibh a' Chàisg dhuinn, airson 's gun ith sinn i.”


Agus bha iad an‑còmhnaidh anns an teampall, a' moladh Dhè.


Mar sin thuirt an deisciobal sin a bu ghràdhach le Ìosa ri Peadar, “Is e an Tighearna a th' ann!” Mar sin nuair a chuala Sìmon Peadar gur e an Tighearna a bh' ann, chuir e air a bhall aodaich uachdair (oir bha e rùisgte), agus thilg e e fhèin dhan mhuir.


Mu thrì uairean feasgar chunnaic e gu soilleir, ann an sealladh, aingeal de Dhia a' tighinn a‑steach agus ag ràdh ris, “A Chorneliuis!”


Agus thuirt Cornelius, “Ceithir latha air ais, mun uair seo, bha mi ag ùrnaigh nam thaigh aig trì uairean feasgar, agus seall, sheas duine mum choinneamh ann an aodach deàlrach,


Agus latha às dèidh latha, a' leantainn orra a dh'aon inntinn san teampall, agus a' briseadh arain o thaigh gu taigh, ghabh iad am biadh le cridheachan aoibhneach is iriosal,


A' faicinn Peadair is Eòin gus a dhol a‑steach dhan teampall, dh'iarr e dèirc.


Ach sheall Peadar, cuide ri Eòin, gu geur air agus thuirt e, “Coimhead oirnne!”


A‑nis nuair a chunnaic iad dànadas Pheadair is Eòin, agus a thuig iad gum b' e daoine gun fhoghlam agus cumanta a bh' annta, ghabh iad iongnadh. Agus dh'aithnich iad gun robh iadsan air a bhith còmhla ri Ìosa.


Ach thàinig cuideigin agus thug e an cunntas seo dhaibh: “Seallaibh! Tha na daoine a chuir sibh dhan phrìosan nan seasamh san teampall agus a' teagasg an t‑sluaigh.”


A‑nis nuair a chuala na h‑abstoil a bh' ann an Ierusalem gun do ghabh Samaria ri facal Dhè, chuir iad thuca Peadar is Eòin


agus ag aithneachadh a' ghràis a chaidh a thoirt dhomh, thug Seumas is Cèphas is Eòin – a bh' air am meas a bhith nan colbhan – dhòmhsa is do Bharnabas deas‑làimh a' chomainn airson 's gun deigheadh sinne gu na Cinnich agus iadsan chun an timcheall‑ghearraidh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan