Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 28:25 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

25 Agus ag eas‑aontachadh nam measg fhèin, dh'fhàg iad às dèidh do Phòl aon rud a ràdh: “Bha an Spiorad Naomh ceart nuair a thuirt e ri ur n‑athraichean tron fhàidh Isaiah:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

25 Agus air dhaibh a bhith an aghaidh a chèile, sgaoil iad, air do Phòl aon fhacal a ràdh, Is math a labhair an Spiorad Naomh tre an fhàidh Esaias, ri ar n‑athraichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

25 Agus air dhaibh a bhith an aghaidh a chèile, sgaoil iad, air do Phòl aon fhacal a ràdh, Is math a labhair an Spiorad Naomh tre an fhàidh Esaias, ri ar n‑athraichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

25 ʼS bho nach robh iad a cordadh ʼnam measg fhein, thog iad orra gu falbh, Pol a cantuinn an aon fhacail so riu: Is math a labhair an Spiorad Naomh ri ʼr n-aithrichean leis an fhaidh Isaias,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 28:25
8 Iomraidhean Croise  

A bhreug‑chràbhaichean! Is math a rinn Isaiah fàidheadaireachd mur deidhinn, nuair a thuirt e:


Agus thuirt e riutha, “Is math a rinn Isaiah fàidheadaireachd mur deidhinn, a bhreug‑chràbhaichean; mar a tha e sgrìobhte: “‘Tha an sluagh seo a' toirt urraim dhòmhsa lem bilean, ach tha an cridheachan fada uam.


Agus bha cuid ag aontachadh le na thubhairt e, ach cha chreideadh cuid eile.


“‘Thalla chun an t‑sluaigh seo agus can, cluinnidh sibh dha‑rìribh ach cha tuig sibh uair sam bith; agus chì sibh dha‑rìribh ach cha toir sibh fa‑near uair sam bith.


Nuair a bha e air na briathran seo a ràdh, dh'fhàg na h‑Iùdhaich, a' dèanamh mòran deasbaid nam measg fhèin.


Agus thuirt an Spiorad ri Philip, “Thalla a‑null agus cùm dlùth ris a' charbad seo.”


Mar sin, mar a tha an Spiorad Naomh ag ràdh: “An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth,


Oir cha b' ann le toil duine a chaidh fàidheadaireachd a thoirt a‑mach aig àm sam bith, ach, air an giùlain leis an Spiorad Naomh, bhruidhinn daoine o Dhia.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan