Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 28:21 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

21 Agus thuirt iad ris, “Cha d' fhuair sinne litrichean sam bith à Iudèa mud dheidhinn, agus chan eil gin dhe na bràithrean a thàinig an seo air cunntas a thoirt, no air olc sam bith a ràdh mud dheidhinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

21 Agus thubhairt iadsan ris, Cha d’fhuair sinne litrichean sam bith à Iudèa mud thimcheall, cha mhò a dh’fhoillsich no dh’innis aon de na bràithrean a thàinig olc sam bith umad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

21 Agus thubhairt iadsan ris, Cha d’fhuair sinne litrichean sam bith à Iudèa mud thimcheall, cha mhò a dh’fhoillsich no dh’innis aon de na bràithrean a thàinig olc sam bith umad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

21 Us thuirt iadsan ris: Cha dʼ fhuair sinn litrichean bho Iudéa mu dʼ dheidhinn, cha mhua thainig neach de na braithrean, a dhʼ aithris no a dhʼ innis sion de dhʼ olc na dʼ aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 28:21
8 Iomraidhean Croise  

mar as urrainn dhan àrd‑shagart agus dhan chomhairle de dh'èildearan gu lèir fianais a thoirt. Uapasan fhuair mi litrichean gu na bràithrean, agus chaidh mi gu Damascas airson iadsan cuideachd a bha an sin a ghabhail agus an toirt ceangailte gu Ierusalem gus a bhith air am peanasachadh.


An sin fhuair sinn bràithrean agus dh'iarr iad oirnn fantainn còmhla riutha airson seachd latha. Agus mar sin thàinig sinn chun na Ròimhe.


“Agus a‑nis, a bhràithrean, tha fios agam gur ann tro aineolas a rinn sibh seo, mar a rinn ur riaghladairean cuideachd.


Oir dh'fhaodainn miannachadh gum bithinn fhèin mallaichte 's air mo ghearradh às o Chrìosd air sgàth mo bhràithrean, mo luchd‑dàimh a rèir na feòla,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan