Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 28:17 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

17 Agus thachair, às dèidh trì latha, gun do ghairm e còmhla ceannardan nan Iùdhach, agus nuair a bha iad air cruinneachadh, thuirt e riutha, “A bhràithrean, ged nach robh mise air dad a dhèanamh an aghaidh ar sluaigh no ghnàthasan ar n‑athraichean, a dh'aindeoin sin chaidh mo thoirt thairis mar phrìosanach o Ierusalem a‑steach do làmhan nan Ròmanach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

17 Agus thàrladh, an dèidh trì làithean, gun do ghairm Pòl maithean nan Iùdhach an ceann a chèile. Agus nuair a chruinnicheadh iad, thubhairt e riu, Fheara agus a bhràithrean, ged nach do rinn mise nì sam bith an aghaidh a’ phobaill, no gnàthannan nan athraichean, thugadh thairis mi am phrìosanach o Ierusalem do làmhan nan Ròmanach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

17 Agus thàrladh, an dèidh trì làithean, gun do ghairm Pòl maithean nan Iùdhach an ceann a chèile. Agus nuair a chruinnicheadh iad, thubhairt e riu, Fheara agus a bhràithrean, ged nach do rinn mise nì sam bith an aghaidh a’ phobaill, no gnàthannan nan athraichean, thugadh thairis mi am phrìosanach o Ierusalem do làmhan nan Ròmanach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

17 ʼS an deigh an treas latha, ghairm e cruinn maithean nan Iudhach. Agus air dhaibh cruinneachadh, thuirt e riu: A dhaoine ʼsa bhraithrean, gun mi dhianamh ni an aghaidh a phobuill no cleachdadh nan aithrichean, liubhradh mi na mʼ phriosanach bho Ierusalem do lamhan nan Romanach:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 28:17
11 Iomraidhean Croise  

Ach bhrosnaich na h‑Iùdhaich na mnathan cràbhach àrd‑inbheil is prìomh dhaoine a' bhaile agus dhùisg iad suas geur‑leanmhainn an aghaidh Phòil is Bharnabais, is thilg iad a‑mach iad às a' cheàrnaidh aca.


mar as urrainn dhan àrd‑shagart agus dhan chomhairle de dh'èildearan gu lèir fianais a thoirt. Uapasan fhuair mi litrichean gu na bràithrean, agus chaidh mi gu Damascas airson iadsan cuideachd a bha an sin a ghabhail agus an toirt ceangailte gu Ierusalem gus a bhith air am peanasachadh.


Nuair a bha iad air tighinn gu Cesarèa agus air an litir a thoirt dhan riaghladair, nochd iad Pòl cuideachd ma choinneamh.


Ach thuirt Pòl, “Tha mi a' seasamh mu choinneamh cathair breitheanais Chèasair, far am bu chòir dhomh a bhith air m' fheuchainn. Air na h‑Iùdhaich cha do rinn mi eucoir sam bith, mar as aithne dhutsa glè mhath.


Agus shìn an t‑àrd‑shagart agus prìomh fhir nan Iùdhach a‑mach a' chùis aca an aghaidh Phòil, agus dh'earalaich iad e,


Rinn Pòl argamaid ga dhìon fhèin: “Cha do rinn mi eucoir an aghaidh lagh nan Iùdhach, no an aghaidh an teampaill, no an aghaidh Chèasair.”


oir chuala sinn e ag ràdh gun sgrios an t‑Ìosa seo o Nàsaret an t‑àite seo agus gun atharraich e na cleachdaidhean a thug Maois dhuinne.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan