Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 27:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Agus a' dol air soitheach à Adramitium, a bha gus seòladh gu puirt ri oirthir na h‑Àisia, chuir sinn gu muir agus còmhla rinn bha Aristarchus, Macedònach o Thesalonìca.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus air dhuinn dol air luing le Adramitium, thog sinn ar siùil, a’ cur romhainn seòladh seachad air crìochan na h‑Asia, air do Aristarchus, Macedònach o Thesalonìca, a bhith maille rinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus air dhuinn dol air luing le Adramitium, thog sinn ar siùil, a’ cur romhainn seòladh seachad air crìochan na h‑Asia, air do Aristarchus, Macedònach o Thesalonìca, a bhith maille rinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Chaidh sinn air bord saghaich a bhuineadh do Adrimetum, us thog sinn a mach, a cur romhainn seoladh ri oirthir Asia, Aristarchus bho Thessalonica ann am Macedonia a fuireach maille ruinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 27:2
17 Iomraidhean Croise  

Aon latha chaidh e a‑steach do dh'eathar còmhla ri a dheisciobail, agus thuirt e riutha, “Rachamaid thairis gu taobh thall an locha.” Agus chuir iad a‑mach o thìr.


Lean i seo Pòl agus sinne, ag èigheach a‑mach, “Tha na daoine seo nan seirbheisich dhan Dia as àirde, a tha a' cur an cèill dhuibh slighe na slàinte.”


A‑nis nuair a bha iad air a dhol tro Amphipolis agus Apolònia, thàinig iad gu Tesalonìca, far an robh sionagog dhe na h‑Iùdhaich.


Agus thug grunn dhiubhsan a bh' air draoidheachd a chur an gnìomh an leabhraichean cruinn còmhla agus loisg iad ann am fianais nan uile iad. Agus chunntais iad an luach aca is fhuair iad a‑mach gun tàinig e gu caogad mìle bonn airgid.


Bha am baile air a lìonadh leis an aimhreit, agus ruith iad le aon toil dhan taigh‑chluiche, a' tarraing Ghaiuis is Aristarchuis leotha, companaich‑siubhail Phòil o Mhacedònia.


Partaich is Medich is Elamaich is luchd‑còmhnaidh Mhesopotamia, Iudèa is Chapadòcia, Phontuis is Àisia,


Nuair a bha ar làithean an sin seachad, dh'fhàg sinn is chaidh sinn air ar turas, agus thàinig iad uile, cuide ri mnathan is clann, còmhla rinn cho fada ri taobh a‑muigh a' bhaile. Agus a' dol air ar glùinean air an tràigh, rinn sinn ùrnaigh.


Thug iad cuideachd mòr‑urram dhuinn, agus nuair a bha sinn gus seòladh, chuir iad air bòrd ge b' e dè a bha a dhìth oirnn.


A' cur a‑steach aig Siracuse, dh'fhan sinn an sin airson trì latha.


Agus nuair a thàinig sinn a‑steach dhan Ròimh, chaidh leigeil le Pòl fuireach leis fhèin, còmhla ris an t‑saighdear a bha ga gheàrd.


Sheall na tùsanaich coibhneas neo‑àbhaisteach dhuinn, oir las iad teine is chuir iad fàilte oirnn uile, a chionn 's gun robh an t‑uisge air tòiseachadh agus gun robh i fuar.


Tha Aristarchus, mo cho‑phrìosanach, a' cur fàilte oirbh, agus Marcas co‑ogha do Bharnabas (mun d' fhuair sibh àitheantan – ma thig e thugaibh, cuiribh fàilte air);


agus Marcas, Aristarchus, Dèmas agus Lùcas, mo cho‑obraichean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan