Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 26:16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 Ach èirich agus seas air do chasan, oir tha mise air nochdadh dhut air an adhbhar seo, airson do shuidheachadh mar sheirbheiseach is mar fhianais dha na rudan anns am faca tu mi agus dha na rudan anns am foillsich mi mi fhèin dhut,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Ach èirich, agus seas air do chasan; oir dh’fhoillsich mi mi fhèin dhut a‑chum na crìche seo, gun òrdaichinn thu ad mhinistear agus ad fhianais araon air na nithean sin a chunnaic thu, agus air na nithean anns am foillsich mi mi fhèin dhut;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Ach èirich, agus seas air do chasan; oir dh’fhoillsich mi mi fhèin dhut a‑chum na crìche seo, gun òrdaichinn thu ad mhinistear agus ad fhianais araon air na nithean sin a chunnaic thu, agus air na nithean anns am foillsich mi mi fhèin dhut;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 Ach eirich, agus seas air do chasan: oir ʼsann air son so a nochd mi mi fhein dhut, gus an dianainn thu na dʼ fhear-frithealaidh, ʼs na dʼ fhianuis air na nichean a chunnaic thu, ʼs air na nichean anns am foillsich mi mi fhein dhut,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 26:16
34 Iomraidhean Croise  

dìreach mar a dh'earb iadsan rinne iad, a bha nan sùil‑fhianaisean agus nan luchd‑frithealaidh air an fhacal:


Oir bha e air àireamh nur measg‑ne agus fhuair e roinn dhen mhinistrealachd seo.”


airson an t‑àite a ghabhail anns a' mhinistrealachd seo agus san abstolachd on do thionndaidh Iùdas a thaobh airson a dhol dha àite fhèin.”


Ach chan eil mi a' cunntadh mo bheatha mar luachmhor no prìseil dhomh fhèin, ma thèid agam a‑mhàin air mo thuras agus a' mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Ìosa a chrìochnachadh, a' toirt fianais shòlaimte mu shoisgeul gràs Dhè.


Às dèidh fàilte a chur orra, dh'aithris e dhaibh aon às dèidh aoin na rudan a bha Dia air a dhèanamh am measg nan Cinneach tro a mhinistrealachd‑san.


“Agus thuirt mi, ‘Dè a nì mi, a Thighearna?’ “Agus thuirt an Tighearna rium, ‘Èirich, agus thalla a‑steach a Dhamascas, agus an sin thèid innse dhut a h‑uile sìon a th' air òrdachadh dhut a dhèanamh.’


Ach an ath oidhche sheas an Tighearna faisg air, agus thuirt e, “Biodh deagh mhisneachd agad, oir mar a thug thu fianais air an fhìrinn mum dheidhinn‑sa ann an Ierusalem; mar sin feumaidh tu fianais a thoirt san Ròimh cuideachd.”


“Agus thuirt mise, ‘Cò thu, a Thighearna?’ “Agus thuirt an Tighearna, ‘Is mise Ìosa a tha thusa a' geur‑leanmhainn.


Ach coisrigidh sinne sinn fhèin do dh'ùrnaigh agus do mhinistrealachd an fhacail.”


Troimhesan fhuair sinne gràs is abstolachd gus ùmhlachd a' chreideimh a thoirt gu bith am measg nan nàiseanan gu lèir air sgàth ainm‑san.


gus a bhith nam mhinisteir de Chrìosd Ìosa dha na Cinnich ann an seirbheis shagartail soisgeul Dhè, airson 's gum bi tabhartas nan Cinneach fìor‑iomchaidh, air a naomhachadh leis an Spiorad Naomh.


Mar sin, bhon a tha a' mhinistrealachd seo againn tro thròcair Dhè, chan eil sinn a' call misneachd.


A‑nis tha na rudan sin uile o Dhia a rinn sinne rèidh ris fhèin tro Chrìosd agus a thug dhuinn ministrealachd na rèite;


Oir cha b' ann o dhuine a fhuair mi e, cha mhotha a chaidh a theagasg dhomh, ach fhuair mi e tro thaisbeanadh Ìosa Crìosd.


Is ann air sgàth taisbeanaidh a chaidh mi suas; agus chuir mi an cèill dhaibh an soisgeul a tha mi a' searmonachadh am measg nan Cinneach, ach rinn mi sin gu h‑uaigneach, dhaibhsan air an robh meas, air eagal – air dhòigh sam bith – gun robh mi a' ruith, no gun ruithinn, gu dìomhain.


mar sin gun robh, an dìomhaireachd air a dèanamh aithnichte dhomh tro thaisbeanadh, mar a sgrìobh mi roimhe gu h‑aithghearr.


ma dh'fhanas sibh dha‑rìribh sa chreideamh, stèidhichte is daingeann, agus gun a bhith air ur gluasad o dhòchas an t‑soisgeil a chuala sibh, a chaidh a shearmonachadh dhan chruthachadh gu lèir fo nèamh, air an deach mise, Pòl, mo dhèanamh nam mhinistear.


dhen deach mo dhèanamh nam mhinistear, a rèir na stiùbhardachd o Dhia a chaidh a bhuileachadh air ur son‑se, airson 's gun dèanainn facal Dhè làn‑aithnichte,


dìreach mar a dh'ionnsaich sibh e o Epaphras, ar co‑sheirbheiseach gràdhach, a tha air ur son‑se gu lèir na mhinistear dìleas do Chrìosd,


Agus chuir sinn Timòteus thugaibh, ar bràthair agus co‑obraiche Dhè ann an soisgeul Chrìosd, gus an stèidhicheadh e sibh agus gum misnicheadh e sibh a thaobh ur creideimh.


Tha taingealachd agam dhàsan a neartaich mi, Crìosd Ìosa ar Tighearna, air sgàth gun do mheas e mi dìleas, gam chur na sheirbheis.


Le bhith a' cur nan rudan seo mu choinneamh nam bràithrean bidh thu nad dheagh sheirbheiseach do dh'Ìosa Crìosd, air do bheathachadh le faclan a' chreideimh agus leis an deagh theagasg a tha thu air a leantainn.


Ach thusa, bidh sòbarra sa h‑uile sìon, a' giùlain cruaidh‑chàs, dèan obair soisgeulaiche, coilean do mhinistrealachd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan