Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 20:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Chuir e seachad trì mìosan an sin. A chionn 's gun robh na h‑Iùdhaich air innleachd a dhèanamh na aghaidh agus gun robh e gus seòladh gu Siria, chuir e roimhe tilleadh tro Mhacedònia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus dh’fhan e an sin trì mìosan: agus nuair a bha na h‑Iùdhaich ri feall-fhalach air a shon, agus e air tì dol air luing do Shiria, chuir e roimhe tilleadh tro Mhacedònia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus dh’fhan e an sin trì mìosan: agus nuair a bha na h‑Iùdhaich ri feall‐fhalach air a shon, agus e air tì dol air luing do Shiria, chuir e roimhe tilleadh tro Mhacedònia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 An deigh dha tri miosan a chaithe an sin, rinn na h-Iudhaich, ʼs e gu seoladh do Shiria, feall-fhalach air, le sin chuir e roimh tilleadh tromh Mhacedonia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 20:3
19 Iomraidhean Croise  

Mar sin chaidh a chliù air feadh Shiria gu lèir, agus thug iad thuige iadsan uile a bha tinn, iadsan a bha a' fulang diofar bhochdainnean is phiantan, iadsan a bha fo chumhachd dheamhan, tuiteamaich agus luchd‑pairilis, agus shlànaich e iad.


agus o sin gu Philipi, a tha na phrìomh bhaile de cheàrnaidh Mhacedònia, agus na choloinidh Ròmanach. Agus dh'fhuirich sinn sa bhaile seo beagan làithean.


Agus nochd sealladh do Phòl san oidhche: bha duine àraidh à Macedònia na sheasamh an sin, a' cur ìmpidh air agus ag ràdh, “Thig a‑nall gu Macedònia is cuidich leinn.”


A‑nis dh'fhan Pòl tòrr làithean na b' fhaide, agus an uair sin dh'fhàg e soraidh le na bràithrean is chuir e a‑mach gu muir gu Siria, agus còmhla ris Priscila is Acuila: às dèidh fhalt fhaighinn air a ghearradh ann an Cenchrèa, oir bha e fo bhòid.


A‑nis às dèidh dha na rudan seo a bhith air an crìochnachadh, chuir Pòl roimhe san Spiorad gabhail seachad tro Mhacedònia is Achaiah agus a dhol gu Ierusalem, ag ràdh, “Às dèidh dhomh a bhith an sin, feumaidh mi cuideachd an Ròimh fhaicinn.”


Às dèidh dhan ùpraid sgur, chuir Pòl fios air na deisciobail, agus às dèidh am misneachadh, dh'fhàg e soraidh leotha agus chaidh e air falbh a Mhacedònia.


a' dèanamh seirbheis dhan Tighearna le gach uile irioslachd is le deòir is le deuchainnean a thachair dhomh tro innleachdan nan Iùdhach;


Nuair a bha e air a dhol tro na sgìrean sin agus air am misneachadh le mòran bhriathran, thàinig e dhan Ghrèig.


Nuair a bha sinn air tighinn an sealladh Chìoprais, ga fhàgail air an làimh chlì, sheòl sinn gu Siria agus chaidh sinn air tìr aig Tìrus, oir an sin bha aig an t‑soitheach ri a bathar a chur dhith.


ag iarraidh, mar fhàbhar an aghaidh Phòil, gun cuireadh e air a shon gu Ierusalem – a chionn 's gun robh iad ag ullachadh feall‑fheitheamh airson a mharbhadh air an t‑slighe.


Agus leis a' chinnt seo bha mi ag iarraidh tighinn thugaibh an toiseach, airson 's gum faigheadh sibh beannachd dà uair.


Is tric a bha mi air turais, ann an cunnartan o aibhnichean, ann an cunnartan o ghadaichean, ann an cunnartan o mo chinneadh fhèin, ann an cunnartan o na Cinnich, ann an cunnartan sa bhaile, ann an cunnartan san fhàsach, ann an cunnartan aig muir, ann an cunnartan am measg bhràithrean breugach;


Oir fiù 's nuair a thàinig sinn a Mhacedònia cha d' fhuair ar feòil fois sam bith, ach bha sinn fo àmhghar air gach taobh – air an taobh a‑muigh, sabaidean, air an taobh a‑staigh, eagalan.


An uair sin chaidh mi gu ceàrnaidhean Shiria is Chilicia.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan