Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 20:21 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

21 a' toirt fianais an dà chuid do dh'Iùdhaich is do Ghreugaich mu aithreachas a thaobh Dhè agus mu chreideamh nar Tighearna Ìosa Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

21 A’ dèanamh fianais araon do na h‑Iùdhaich, agus do na Greugaich, mu aithreachas a‑thaobh Dhè, agus mu chreideamh a‑thaobh ar Tighearna Iosa Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

21 A’ dèanamh fianais araon do na h‑Iùdhaich, agus do na Greugaich, mu aithreachas a‑thaobh Dhè, agus mu chreideamh a‑thaobh ar Tighearna Iosa Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

21 A cur an ceill do na h-Iudhaich, ʼs do na cinnich aithreachais a thaobh Dhe, agus creidimh ann ar Tighearna Iosa Criosta.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 20:21
51 Iomraidhean Croise  

ag ràdh, “Dèanaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh faisg air làimh.”


On àm sin thòisich Ìosa air searmonachadh, ag ràdh, “Dèanaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh faisg air làimh.”


agus ag ràdh, “Chaidh an t‑àm a choileanadh, agus tha rìoghachd Dhè faisg. Dèanaibh‑se aithreachas agus creidibh an soisgeul!”


Chaidh iad a‑mach agus shearmonaich iad gum bu chòir do dhaoine aithreachas a dhèanamh.


Cha robh, tha mi ag ràdh ribh! Ach mura dèan sibh aithreachas, thèid sibhse uile a sgrios cuideachd.


Cha robh, tha mi ag ràdh ribh! Ach mura dèan sibh aithreachas thèid sibhse uile a sgrios cuideachd.”


San aon dòigh, tha mi ag ràdh ribh gu bheil gàirdeachas an làthair ainglean Dhè airson aon pheacach a nì aithreachas.”


Tha mi ag ràdh ribh, san aon dòigh bidh aoibhneas air nèamh airson aon pheacach a nì aithreachas nas motha na airson naochad 's a naoi fìrean aig nach eil feum air aithreachas.”


oir tha còignear bhràithrean agam, airson 's gum faod e rabhadh a thoirt dhaibh, air eagal 's gun tig iadsan cuideachd dhan àite ro phiantail seo.’


agus gum feumadh aithreachas is mathanas pheacaidhean a bhith air a shearmonachadh na ainm‑san dhan a h‑uile nàisean, a' tòiseachadh o Ierusalem.


Ach tha iad seo sgrìobhte airson 's gun creideadh sibh gur e Ìosa an Crìosd, Mac Dhè, agus tro bhith a' creidsinn, gum biodh beatha agaibh na ainm‑san.


Ge b' e a chreideas anns a' Mhac, tha a' bheatha shìorraidh aige, ach ge b' e nach creid anns a' Mhac, chan fhaic e beatha, oir tha fearg Dhè a' fantainn air.”


Dhàsan tha na fàidhean uile a' toirt fianais gum faigh a h‑uile neach a chreideas ann mathanas pheacaidhean tro ainm‑san.”


Nuair a chuala iad na rudan seo bha iad sàmhach. Agus ghlòraich iad Dia, ag ràdh, “Mar sin, thug Dia dha na Cinnich cuideachd an t‑aithreachas a tha gu beatha.”


Thuirt iadsan, “Creid san Tighearna Ìosa Crìosd, agus thèid do shàbhaladh, thu fhèin agus do theaghlach.”


Mar sin às dèidh do Dhia amannan an aineolais a leigeil seachad, tha e a‑nis ag àithne dhan a h‑uile duine anns gach àite aithreachas a dhèanamh,


Fhuair uile luchd‑còmhnaidh Ephesuis eòlas air a seo, an dà chuid Iùdhaich is Greugaich. Agus thuit eagal orra uile, agus bha ainm an Tighearna Ìosa air àrd‑mholadh.


Agus thuirt Peadar riutha, “Dèanaibh aithreachas agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Ìosa Crìosd airson mathanas ur peacaidhean, agus gheibh sibh tiodhlac an Spioraid Naoimh.


Agus le mòran bhriathran eile thug e fianais agus chùm e air gan earalachadh, ag ràdh, “Sàbhailibh sib' fhèin on ghinealach choirbte seo.”


ach gu bheil an Spiorad Naomh a' toirt fianais dhomh anns gach baile gu bheil cuibhrichean is fulangasan a' feitheamh orm.


Ach chan eil mi a' cunntadh mo bheatha mar luachmhor no prìseil dhomh fhèin, ma thèid agam a‑mhàin air mo thuras agus a' mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Ìosa a chrìochnachadh, a' toirt fianais shòlaimte mu shoisgeul gràs Dhè.


Às dèidh cuid de làithean thàinig Felics le a bhean Drusilla, a bha na ban‑Iùdhach, agus chuir e a dh'iarraidh Phòil is chuala e esan a' bruidhinn mu chreideamh ann an Crìosd Ìosa.


gus an sùilean fhosgladh, airson 's gum faod iad tionndadh o dhorchadas gu solas, o chumhachd Shàtain gu Dia, airson 's gum faod iad mathanas pheacaidhean fhaighinn agus àite am measg na feadhna a th' air an naomhachadh tro chreideamh annamsa.’


ach chuir mi an cèill an toiseach dhaibhsan ann an Damascas, an uair sin ann an Ierusalem agus tro roinn Iudèa gu lèir, agus cuideachd dha na Cinnich, gum bu chòir dhaibh aithreachas a dhèanamh is tionndadh gu Dia, a' dèanamh ghnìomhan a fhreagras air an aithreachas aca.


Nuair a bha iad air latha a shuidheachadh air a shon, thàinig iad thuige dhan taigh‑loidsidh aige ann an àireamhan na bu mhotha. O mhadainn gu feasgar rinn e mìneachadh dhaibh, a' toirt fianais a thaobh rìoghachd Dhè agus a' feuchainn ri dhearbhadh dhaibh mu Ìosa, an dà chuid o Lagh Mhaois agus o na Fàidhean.


Mar sin, dèanaibh‑se aithreachas agus tionndaidhibh a‑rithist, airson 's gum bi ur peacaidhean air an glanadh às,


Mar sin nuair a bha iad air fianais a thogail agus air facal an Tighearna aithris, thill iad gu Ierusalem, a' searmonachadh an t‑soisgeil ann am mòran de bhailtean nan Samaritanach.


Tha mi fo dhleastanas an dà chuid do Chinnich is do Bhorbairich, an dà chuid dhaibhsan a tha glic is dhaibhsan a tha amaideach.


Oir chan eil nàire ormsa mun t‑soisgeul, oir is e cumhachd Dhè a th' ann airson slàinte dhan a h‑uile neach a chreideas, an toiseach dhan Iùdhach agus cuideachd dhan Ghreugach.


Oir, ma dh'aidicheas tu led bheul gur e Ìosa Crìosd an Tighearna agus ma chreideas tu nad chridhe gun do thog Dia on na mairbh e, bidh thu air do shàbhaladh.


No a bheil thu a' gabhail ort fhèin saidhbhreas a' choibhneis 's an fhad‑fhulangais 's an fhoighidinn aige a chur an dìmeas, gun fhios agad gu bheil coibhneas Dhè gad threòrachadh‑sa gu aithreachas?


ach air ar son‑ne cuideachd. Bidh e air a chunntadh dhuinne cuideachd – a tha a' creidsinn annsan a thog Ìosa ar Tighearna suas o na mairbh,


Mar sin, on a tha sinn air a bhith air ar fìreanachadh tro chreideamh, tha sìth againn le Dia tro ar Tighearna Ìosa Crìosd,


Oir tha na h‑Iùdhaich ag iarraidh chomharraidhean agus tha na Greugaich a' sireadh gliocais,


Oir tha am bròn a tha diadhaidh a' buileachadh aithreachas a tha gun chaoidh 's a tha a' treòrachadh gu sàbhaladh, ach tha bròn an t‑saoghail a' buileachadh bàs.


a dh'aindeoin sin, le fios a bhith againn nach eil duine air fhìreanachadh o obraichean an lagha, ach tro chreideamh ann an Ìosa Crìosd, tha fiù 's sinne air creidsinn ann an Ìosa Crìosd, airson 's gum faod sinn a bhith air ar fìreanachadh tro chreideamh ann an Crìosd agus chan ann tro obraichean an lagha; oir tro obraichean an lagha, cha bhi feòil sam bith air a fìreanachadh.


agus cha mhise tuilleadh a tha beò, ach Crìosd a tha beò annamsa. Agus a' bheatha a tha mi a‑nis a' caitheamh san fheòil tha mi a' caitheamh tro chreideamh ann am Mac Dhè, a thug gràdh dhomh agus a thug e fhèin seachad air mo shon.


Ach tha an Sgriobtar air a h‑uile duine a ghlasadh fon pheacadh, airson 's gum faodadh an gealladh – tro chreideamh Ìosa Crìosd – a bhith air a thoirt dhaibhsan a tha a' creidsinn.


Air an adhbhar seo, a chionn 's gu bheil mi air cluinntinn mur creideamh san Tighearna Ìosa agus ur gràdh dha na naoimh gu lèir,


Oir ged a tha mi air falbh uaibh san fheòil, a dh'aindeoin sin tha mi còmhla ribh san Spiorad, a' dèanamh gàirdeachais ann a bhith a' faicinn ur deagh òrdugh agus seasmhachd ur creideimh ann an Crìosd.


a' cluinntinn mud ghràdh 's mun chreideamh a th' agad san Tighearna Ìosa agus mu na naoimh uile,


Tha gach neach a tha a' creidsinn gur e Ìosa an Crìosd air a bhreith o Dhia, agus tha gach neach aig a bheil gràdh dhan Athair, a' toirt gràidh cuideachd dhàsan a chaidh a bhreith leis.


Cò a bheir buaidh air an t‑saoghal, mura h‑e esan a chreideas gur e Ìosa Mac Dhè?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan