Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 2:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 Partaich is Medich is Elamaich is luchd‑còmhnaidh Mhesopotamia, Iudèa is Chapadòcia, Phontuis is Àisia,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Partaich, agus Medich, agus Elamaich, agus luchd-àiteachaidh Mhesopotamia, Iudèa, agus Chapadòcia, Phontuis, agus Asia,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Partaich, agus Medich, agus Elamaich, agus luchd‐àiteachaidh Mhesopotamia, Iudèa, agus Chapadòcia, Phontuis, agus Asia,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Parthich, us Medich, ʼs Elamitich, agus luchd-comhnuidh Mhesopotamia, Iudéa, agus Chapadocia, Phontuis, us Asia,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 2:9
34 Iomraidhean Croise  

Chaidh iad tro cheàrnaidh Phrigia is Ghalàtia, às dèidh dhaibh a bhith air am bacadh leis an Spiorad Naomh on fhacal a bhruidhinn ann an Àisia.


Agus fhuair e Iùdhach dham b' ainm Acuila, a bhuineadh do Phontus, air ùr‑thighinn às an Eadailt còmhla ri a bhean Priscila, a chionn 's gun robh Claudius air àithne a thoirt dha na h‑Iùdhaich gu lèir an Ròimh fhàgail. Agus chaidh e thuca,


Lean seo airson dà bhliadhna, air chor is gun cuala luchd‑còmhnaidh na h‑Àisia gu lèir facal an Tighearna, an dà chuid Iùdhaich agus Greugaich.


Agus tha cunnart ann, chan e a‑mhàin gun tuiteadh a chiùird seo againne ann am mì‑chliù, ach cuideachd gum biodh teampall na ban‑dè mòire air a mheas mar neoni, agus fiù 's gun tèid a cur o chathair a mòrachd‑se, ise dha bheil Àisia uile agus an saoghal a' dèanamh adhraidh.”


Agus chuir fiù 's cuid de riaghladairean na h‑Àisia, a bha nan caraidean dha, fios thuige agus bha iad ga earalachadh gun a dhol a‑steach dhan taigh‑chluiche.


Agus ciamar a tha sinne gan cluinntinn, gach aon againn nar cànan fhèin, anns an deach ar breith?


Oir bha Pòl air cur roimhe seòladh seachad air Ephesus, airson 's nach fheumadh e ùine a chosg ann an Àisia, oir bha e a' dèanamh cabhaig gus a bhith ann an Ierusalem, ma bha e an comas, air latha na Caingis.


Agus nuair a thàinig iad thuige, thuirt e riutha, “Is aithne dhuibhse sib' fhèin mar a bha mi beò nur measg fad na h‑ùine on a' chiad latha a chuir mi cas air Àisia,


Chaidh Sopater o Bherèa, mac Phirois, còmhla ris; agus dhe na Tesalònianaich, Aristarchus is Secundus; agus Gaius o Dherbe, agus Timòteus; agus de mhuinntir na h‑Àisia, Tichicus is Trophimus.


Nuair a bha na seachd latha faisg air a bhith air an crìochnachadh, ga fhaicinn san teampall, bhrosnaich Iùdhaich o Àisia an sluagh gu lèir, agus chuir iad làmhan air,


Fhad 's a bha mi a' dèanamh seo, fhuair iad mi air mo ghlanadh san teampall, às aonais sluaigh sam bith no ùpraid.


Agus a' dol air soitheach à Adramitium, a bha gus seòladh gu puirt ri oirthir na h‑Àisia, chuir sinn gu muir agus còmhla rinn bha Aristarchus, Macedònach o Thesalonìca.


An uair sin dh'èirich cuid dhiubhsan a bhuineadh do Shionagog nan Daoine Saorte (mar a ghabhadh oirre), agus de na Cirènianaich agus de na h‑Alecsandrianaich agus iadsan o Chilicia agus o Àisia, agus rinn iad deasbad an aghaidh Steaphain.


Agus thuirt esan, “A bhràithrean is athraichean, èistibh rium. Nochd Dia na glòire ri Abrahàm nuair a bha e ann am Mesopotàmia mun do rinn e còmhnaidh ann a Haran


Cuiribh fàilte cuideachd air an eaglais san taigh aca. Cuiribh fàilte air Epenetas as gràdh leamsa, a bha na chiad‑thoradh do Chrìosd ann an Àisia.


Tha eaglaisean na h‑Àisia a' cur fàilte oirbh. Tha Acuila is Prisca, cuide ris an eaglais a tha nan taigh, a' cur fàilte chridheil oirbh san Tighearna.


Oir chan eil sinn ag iarraidh gum bi sibh aineolach, a bhràithrean, mun àmhghair a thachair dhuinn ann an Àisia; oir bha sinn fo eallach ro‑mhòr, thar ar neirt, eadhon gus dòchas a chall mu ar beatha.


'S aithne dhuibh seo, gun do thionndaidh iad uile air falbh uam ann an Àisia, nam measg‑san tha Phigelus is Hermogenes.


Peadar, abstol Ìosa Crìosd, Gu na fògarraich a th' air an sgapadh air feadh Phontus, Ghalàtia, Chappadòcia, Àisia 's Bhitinia, taghta


ag ràdh, “Na chì thu, sgrìobh ann an rolla, agus cuir gu na seachd eaglaisean e, gu Ephesus agus gu Smirna agus gu Pergamos agus gu Tiatìra agus gu Sardis agus gu Philadelphia agus gu Laodicèa.”


Eòin, Gu na seachd eaglaisean ann an Àisia: Gràs dhuibh agus sìth uaithesan a tha agus a bha agus a tha a' tighinn agus o na seachd spioradan a tha mu choinneamh a rìgh‑chathrach‑san.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan