Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 2:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 Agus bha iad uile fo iongnadh 's fo mhòr‑iongantas, ag ràdh, “Èist, nach e Galilèaich a th' annta sin uile a tha a' bruidhinn?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Agus bha iad uile fo uamhas agus ghabh iad iongantas, ag ràdh ri chèile, Feuch, nach Galilèaich iad sin uile a tha a’ labhairt?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Agus bha iad uile fo uamhas agus ghabh iad iongantas, ag ràdh ri chèile, Feuch, nach Galilèaich iad sin uile a tha a’ labhairt?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 ʼS bha iad uile fo uamhas, agus fo ioghnadh, a g-radh: Seall, nach Galiléich na daoine so uile a tha labhairt?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 2:7
12 Iomraidhean Croise  

Agus thuirt an sluagh, “Is e seo Ìosa am fàidh o Nàsaret Ghalile.”


Às dèidh greiseag thàinig an fheadhainn a bha nan seasamh mun cuairt suas, agus thuirt iad ri Peadar, “Gu fìrinneach is e fear dhiubh a th' annadsa cuideachd, oir tha blas do chainnt gad bhrath.”


Nuair a chuala Ìosa seo, ghabh e iongnadh agus thuirt e riuthasan a lean e, “Gu fìrinneach, tha mi ag ràdh ribh nach d' fhuair mi creideamh cho mòr ri seo aig neach sam bith ann an Israel.


Agus bha iad uile fo uimhir de dh'iongnadh is gun do dh'fhaighnich iad do chàch‑a‑chèile, “Dè tha seo? Teagasg ùr le ùghdarras! Tha e fiù 's a' toirt òrduigh dha na spioradan neòghlan, agus tha iad umhail dha.”


Dh'èirich e agus sa bhad thog e suas a leabaidh agus chaidh e a‑mach mun coinneamh gu lèir. Bha iongnadh mòr orra uile agus ghlòraich iad Dia, ag ràdh, “Chan fhaca sinne riamh rud sam bith mar seo!”


Fhreagair iadsan, “Chan ann o Ghalile a tha thusa cuideachd, an ann? Rannsaich, agus faic nach eil fàidh ag èirigh à Galile.”


agus thuirt iad, “Fheara Ghalile, carson a tha sibh a' seasamh a' coimhead a nèamh? An t‑Ìosa seo a chaidh a thogail suas uaibh do nèamh, thig e san aon dòigh sam faca sibh e a' dol do nèamh.”


Agus bha iad uile fo iongnadh agus fo dhragh mòr, ag ràdh ri càch‑a‑chèile, “Dè a tha seo a' ciallachadh?”


Agus ciamar a tha sinne gan cluinntinn, gach aon againn nar cànan fhèin, anns an deach ar breith?


agus dh'aithnich iad gum b' esan am fear a bhiodh na shuidhe aig Geata Brèagha an teampaill, ag iarraidh dèirce. Agus chaidh an lìonadh le iongnadh agus le uabhas a thaobh an rud sin a thachair dha.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan