Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 2:47 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

47 a' moladh Dhè agus iad le fàbhar aca on t‑sluagh gu lèir. Agus chuir an Tighearna iadsan a bha gan teàrnadh ris an àireamh aca latha às dèidh latha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

47 A’ moladh Dhè, agus deagh-ghean aca on t‑sluagh uile. Agus chuir an Tighearna gach là ris an eaglais an dream a thèarnar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

47 A’ moladh Dhè, agus deagh‐ghean aca on t‑sluagh uile. Agus chuir an Tighearna gach là ris an eaglais an dream a thèarnar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

47 A moladh Dhe, us measail aig an t-sluagh uile. Agus leasaich an Tighearna gach latha aireamh na feadhnach a bhiodh air an sabhaladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 2:47
25 Iomraidhean Croise  

ach cha robh iad a faighinn a' chothruim, oir bha an sluagh uile ag èisteachd gu dùrachdach ris.


Agus thàinig Ìosa air adhart ann an gliocas is ann an inbhe is ann an fàbhar le Dia is daoine.


Agus bha làmh an Tighearna còmhla riutha, agus thionndaidh àireamh mhòr dhe na chreid chun an Tighearna.


oir b' e duine math a bh' ann, làn dhen Spiorad Naomh is de chreideamh. Agus chaidh sluagh fìor mhòr a chur ris an Tighearna.


Agus nuair a chuala na Cinnich seo, thòisich iad air gàirdeachas a dhèanamh is facal an Tighearna a ghlòrachadh, agus chreid na h‑uimhir is a bha òrdaichte chun na beatha shìorraidh.


A‑nis ann an Iconium chaidh iad còmhla a‑steach dhan t‑sionagog Iùdhach agus bhruidhinn iad ann an leithid de dhòigh is gun do chreid àireamh mhòr de dh'Iùdhaich agus de Ghreugaich.


Nuair a bha iad air an soisgeul a shearmonachadh dhan bhaile sin agus air mòran dheisciobal a dhèanamh, thill iad gu Listra is gu Iconium is gu Antioch,


Mar sin bha na h‑eaglaisean air an neartachadh sa chreideamh, agus dh'fhàs iad ann an àireamh gach latha.


Air an adhbhar sin, chreid mòran dhiubhsan, agus àireamh nach bu bheag dhe na prìomh bhoireannaich Ghreugach is de dh'fhir.


Oir tha an gealladh dhuibhse agus dhur cloinn agus dha na h‑uile a tha fad' às, na h‑uiread 's a ghairmeas an Tighearna ar Dia thuige fhèin.”


Mar sin bha iadsan a ghabh ri fhacal‑san air am baisteadh, agus chaidh mu thrì mìle anam a chur riutha an latha sin.


Agus nuair a bha iad air barrachd maoidhidh a dhèanamh orra, leig iad às iad, gun dòigh fhaighinn air am peanasachadh, air sgàth an t‑sluaigh, oir bha iad uile a' moladh Dhè airson an rud a thachair.


Agus le sàr‑chumhachd bha na h‑abstoil a' toirt fianais do dh'aiseirigh an Tighearna Ìosa, agus bha mòr‑ghràs orra uile.


Ach chreid mòran dhiubhsan a bh' air am facal a' chluinntinn; agus thàinig àireamh nan daoine gus a bhith mu thimcheall air còig mìle.


A‑nis anns na làithean sin nuair a bha na deisciobail a' fàs ann an àireamh, dh'èirich gearan am measg nan Greugach an aghaidh nan Eabhrach a chionn 's gun robh am banntraichean air an cur an dearmad san fhrithealadh‑bìdh làitheil.


Agus chùm facal Dhè air a' fàs agus bha àireamh nan deisciobal a' meudachadh gu ro mhòr ann an Ierusalem, agus bha cuideachd mhòr dhe na sagartan umhail dhan chreideamh.


Mar sin bha sìth aig an eaglais air feadh Iudèa gu lèir is Ghalile is Shamaria, agus bha i air a daingneachadh. Agus a' coiseachd ann an eagal an Tighearna 's ann an cofhurtachd an Spioraid Naoimh, dh'fhàs i ann an àireamh.


Agus chunnaic iadsan uile a bha a' fuireach ann an Lida is ann an Sàron e, agus thionndaidh iad chun an Tighearna.


Oir an neach a nì an t‑seirbheis seo do Chrìosd tha e taitneach do Dhia agus air a dheagh mheasadh le daoine.


Agus an fheadhainn a ro‑òrdaich e, iadsan ghairm e cuideachd, agus an fheadhainn a ghairm e, iadsan dh'fhìreanaich e cuideachd, agus an fheadhainn a dh'fhìreanaich e, iadsan ghlòraich e cuideachd.


Agus tha Isaiah ag èigheach mu Israel: “Ged a bhiodh àireamh mhic Israeil mar ghainmheach na mara, cha bhi ach fuidheall dhiubh air an sàbhaladh.


Oir tha facal a' chroinn‑ceusaidh na amaideachd dhaibhsan a tha a' dol às an rathad, ach dhuinne a tha gar sàbhaladh, 's e cumhachd Dhè a th' ann.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan